Tagraidhean Riaghlaidh
Tha croitean agus fearann ionaltraidh nan stòras a tha luachmhor a bu chòir a bhith ri fhaotainn an dà chuid aig an àm seo agus san àm ri teachd, le croitearan a th’ ann mar-thà agus le croitearan ùra, airson a chleachdadh ann an dòigh tharbhach.
Gus atharrachaidhean a dhèanamh air a’ chroit aca, tha aig croitearan ri tagraidhean riaghlaidh a chur a-steach gu Coimisean na Croitearachd airson cead air sin a dhèanamh. Tha Coimisean na Croitearachd a’ cur fàilte air na foirmean tagraidh sin a bhith air an lìonadh ann an Gàidhlig.
Feuch NACH cuir thu pàipearan thugainn anns a bheil fiosrachadh pearsanta no dìomhair m.e. Teisteanas Bàis, Tiomnaidhean, clàran meidigeach, is eile.
Feumaidh a’ mhòr-chuid de thagraidhean riaghlaidh a bhith air am foillseachadh gu poblach leis an tagraiche. Is iad a-mhàin di-chroitidhean pàirt- no làn-croite, croitean ùra agus fearann ionaltraidh ùr a tha air an sanasachadh le Coimisean na Croitearachd, nach fheum sin a dhèanamh.
Thoir sùil air làrach-lìn Chlàran Alba airson mion-fhiosrachadh mu chlàradh: Who should register, and when - RoS Knowledge Base