Seirbheis Comhairleachaidh Tuathanas
Tha Seirbheis Comhairleachaidh Tuathanas na h-Alba (FAS) na pàirt de Phrògram Leasachaidh Dùthchail na h-Alba (SRDP) a tha air a cho-mhaoineachadh leis an EU agus Riaghaltas na h-Alba, a’ toirt seachad fiosrachadh agus goireasan air an amas gu bhith a’ meudachadh prothaid agus seasmhachd thuathanasan agus chroitean. Gheibhear gu làrach-lìn FAS le cliogadh air a’ cheangal: Home - Farm Advisory Service | Helping farmers in Scotland | Farm Advisory Service (fas.scot)
Caidreachas Croitearachd na h-Alba
Air a stèidheachadh ’s air a ruith leis na croitearan fhèin, tha SCF dealasach a thaobh a bhith ag iomairt do chroitearan agus a’ sabaid airson croitearachd san àm ri teachd. Le bhith gu gnìomhach a’ conaltradh le buidhnean agus an riaghaltas aig ìre ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta, tha iad a’ toirt buaidh air poileasaidh chùisean dùthchail, àiteachail, sòisealta agus àrainneachdail. Air a stèidheachadh bho thùs ann an 1985 mar Aonadh Chroitearan na h-Alba, tha am buidheann a’ leantainn air adhart a’ dìon agus ag adhartachadh ùidhean nan croitearan agus na coimhearsnachd croitearachd. Gheibhear cothrom air làrach-lìn SCF le cliogadh air a’ cheangal: Crofting Home - Scottish Crofting Federation
Aonadh Thuathanaich Nàiseanta na h-Alba
Faodaidh sibh am fiosrachadh mu dheireadh mu obair NFU Alba air Croitearachd a lorg an seo – a’ gabhail a-steach mion-fhiosrachadh agus geàrr-chunntasan Comataidh Croitearachd na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (CHIC) aig an NFU, bhon Bhuidheann Thar-Phàrtaidh air Croitearachd agus Fòram Luchd-ùidhe Croitearachd, ùr-fhiosrachaidhean buntainneach an Iùil Ghnothachais, tagraidhean co-chomhairleachaidh agus mòran a bharrachd. Gheibhear gu làrach-lìn NFUS le cliogadh air a’ cheangal: NFU Scotland | National Farmers Union, Scotland
Seirbheisean is Pàighidhean Dùthchail na h-Alba
Gheibh sibh mion-fhiosrachadh mu na diofar sgeamaichean maoineachaidh a tha fosgailte do chroitearan tro Riaghaltas na h-Alba. Gus faighinn gu làrach-lìn Seirbheisean is Pàighidhean Dùthchail na h-Alba, cliogaibh air a’ cheangal: Rural Payments and Services
Colaiste Dhùthchail na h-Alba (SRUC)
Gheibh sibh mion-fhiosrachadh an seo mun taic a tha comhairlichean SRUC a’ tabhann do chroitearan. Gus faighinn gu làrach-lìn SRUC, cliogaibh air a’ cheangal: Home | SRUC
Rannsachadh is Comas Tracaidh Stoc na h-Alba (ScotEID)
Is e buidheann a th’ ann an ScotEID a tha a’ dèiligeadh ri gluasadan agus comas tracaidh air stoc. Gus faighinn gu làrach-lìn ScotEID, cliogaibh air a’ cheangal: Home | ScotEID
Comann Bhuilichearan Orgànach na h-Alba (SOPA)
Is e SOPA am buidheann Stiùiridh airson tuathanachas orgànach na h-Alba. Gus faighinn gu làrach-lìn SOPA, cliogaibh air a’ cheangal: Scottish Organic Producers Association (sopa.org.uk)
Tha Maoin Dùthcha a’ Phrionnsa a’ tabhann raon de chuideachadh agus de thaic do choimhearsnachdan dùthchail. Gus faighinn chun na làraich-lìn, cliogaibh air a’ cheangal: Home - The Prince's Countryside Fund (princescountrysidefund.org.uk)
Is e Bealach Gnothachais am prìomh bhuidheann taic is comhairleachaidh do ghnothachas. Tha Bealach Gnothachais a’ cur ri sunnd eaconamach na h-Alba le bhith a’ toirt seachad cothrom air seirbheisean taic gnothachais an-asgaidh. Gus faighinn gu làrach-lìn Bealach Gnothachais, cliogaibh air a’ cheangal: Business Gateway | Business Gateway (bgateway.com).
Taic Didseatach|Bealach Gnothachais (bgateway.com)
Faodaidh gnothachasan seiminearan air-loidhne a fhrithealadh an-asgaidh, taic fhaighinn bho cho-chomhairliche didseatach, agus comhairle is molaidhean air an gnothachasan is àrd-ùrlaran a chuideachadh gu barrachd a dhèanamh le stuthan didseatach. Gus faighinn don sgeama seo, cliogaibh air a’ cheangal: DigitalBoost | Business Gateway (bgateway.com)
Bidh Sgudal Neoini Alba a’ stiùireadh na h-Alba gu bhith a’ cleachdadh bathar agus goireasan ann an dòigh chunntachail, a’ dèanamh Alba na tùsaire den eaconamaidh chuairteachail. Tha ZWS ag amas air an lùghdachadh sa bhuaidh àrainneachdail a choileanadh bho bhith a’ caitheamh bathar is stuthan. Gus faighinn gu làrach-lìn Sgudal Neoini Alba, cliogaibh air a’ cheangal: Zero Waste Scotland
Iasad SME Riaghaltas na h-Alba | Sgudal Neoini Alba
Iasadan SME airson tomhas air èifeachdas ghoireasan. Lùghdaich ur cunntasan, geàrr ur càrbon. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu mhaoin Iasaid SME, cliogaibh air a’ cheangal: Scottish Government SME Loan | Zero Waste Scotland
Ag obair air ur ceann fhèin - GOV.UK (www.gov.uk)
Airson fiosrachadh mu dheidhinn na tha e a’ ciallachadh a bhith ag obair air do cheann fhèin, cliogaibh air a’ cheangal gu làrach-lìn HMRC: Working for yourself - GOV.UK (www.gov.uk)
Coimheadaibh ri duilleag Coimisean na Croitearachd “Càite am faigh mi cobhair” airson ceanglaichean gu buidhnean eile a tha a’ tabhann cobhair agus taic do chroitearan ùra agus croitearan làithreach, le cliogadh air a’ cheangal: Useful Links | Crofting Commission (scotland.gov.uk)