Tha "Mì-riaghladh" a' ciallachadh nuair a tha croitear (no croitear-seilbhe) le fios agus a dh'aon ghnothaich a' cleachdadh na croite airson adhbhar eile seach àiteach is feum buannachdail eile, no far nach eil a' chroit ga cur gu feum sam bith. Tha “Dearmad” ann far nach eil croitear (no croitear-seilbhe) a’ ruith na croite ann an dòigh a tha a’ coileanadh nan inbhean co-cheangailte ri deagh àiteachais is suidheachadh àrainneachdail, air a bheil iomradh ann an riaghailt 4 de Riaghailtean Sgeamaichean Poileasaidh Àiteachais Coitcheann (Tar-Ghèilleadh) (Alba) 2004.
Feumaidh croitearan agus croitearan-seilbhe an croitean àiteach no an cur gu cleachdadh gnothaicheil eile. Tha "Aiteach" co-cheangailte sa chiad àite ri cleachdadh àiteachail. Tha seo a' gabhail a-steach "cleachdadh croite airson àiteach- leasa no airson adhbhar tuathanachais sam bith, a' gabhail a-steach cumail no briodachadh stuic, chearcan no sheilleanan, fàs mheasan, glasraich agus a leithid agus cur chraobhan agus cleachdadh air an fhearann mar fhearann-choilltean". Tha "cleachdadh gnothaicheil" a' ciallachadh cleachdadh a tha air a phlanadh no air a stiùireadh nach eil a' toirt droch bhuaidh air a' chroit, ùidh a' phobaill, ùidhean an uachdarain no cleachdadh air fearann ri làimh.
Bu chòir, chaidh solar do neach-gabhail a thaobh croit a chleachdadh airson adhbhar gnothaicheil a thuilleadh air àiteachas, a thoirt a-steach leis an Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2007. Feumaidh neach-gabhail iarrtas a chur a-steach chun an uachdarain airson cead sgrìobhte mus cuirear a’ chroit gu feum gnothaicheil. Mura toir an t-uachdaran seachad cead no ma chuireas an t-uachdaran cumhachan an sàs a tha an neach-gabhail a’ meas neo-reusanta, faodaidh an neach-gabhail iarrtas a chur gu Coimisean na Croitearachd airson cead air a’ chleachdadh a thathar a’ moladh. Cha bu chòir a’ chroit a chur chun a’ chleachdaidh ghnothaicheil a thathar a’ moladh gus a bheil cead air fhaotainn bhon uachdaran, no (mura gabh sin a dhèanamh) bho Choimisean na Croitearachd.
Tha e na dhleastanas air croitear a bhith a’ còmhnaidh an taobh a-staigh 32 cileameatair dìreach bhon chroit aca agus tha dleastanas air Coimisean na Croitearachd seo a chur an gnìomh. Ann a bhith a’ dèanamh sin, bheir an Coimisean brath don phearsa mun fheum air cumail ris an dleastanas seo agus cothrom a thoirt don chroitear gealladh a thoirt sin a dhèanamh. A thaobh sin, chan eil roghainn aig a’ Choimisean ach cumail gu teann ris an astar mhìnichte mar a tha air a chur sìos san reachdas. Ach, mus cuirear crìoch air gabhaltas no iarraidh air sealbhadair a tha às-làthair air a’ chroit ath-thoirt air ghabhail, nì an Coimisean sgrùdadh air an t-suidheachadh anns gach cùis fa leth airson a bhith riaraichte gum biodh a leithid sin de ghnìomh gu math na coimhearsnachd croitearachd.
Far a bheil briseadh air dleastanasan air a dhearbhadh (mar eisimpleir, mì-fheum agus dearmad) le croitear-seilbhe, feumaidh Coimisean na Croitearachd, mura h-eil adhbhar math air a shon, iarraidh air a’ chroitear-seilbhe moladh a chur a-steach thuca airson toirt-air-ghabhail na croite. Mar fhreagairt air an Stiùireadh sin, tha e an urra ris a’ chroitear-seilbhe iarrtas a chur a-steach airson a’ chroit a thoirt air ghabhail do neach-gabhail leis na làn chòirean glèidhte, no faodaidh iad cùmhnant no aonta a tha a’ toirmeasg chòirean sònraichte a ruighinn leis an neach-gabhail. Ach, chan urrainn còirean sònraichte an toirmeasg ach le aonta Cùirt an Fhearainn ann an Alba. Far nach eil croitear-seilbhe a’ solarachadh mholaidhean toirt-air-ghabhail mar fhreagairt do iarrtas bhon Choimisean gus sin a dhèanamh, no mura h-eil na molaidhean a tha iad a’ solarachadh freagarrach don Choimisean, iarraidh sinn tagraidhean a chur a-steach airson a’ chroit-seilbhe a thoirt air ghabhail agus thigear gu co-dhùnadh cò an tagraiche don toirear a’ chroit-seilbhe air ghabhail. Bidh sinn a’ co-chomhairleachadh leis a’ chroitear-seilbhe cuideachd a thaobh nan cumhachan a bu chòir a chur an sàs san toirt-air-ghabhail. Far a bheil croit-seilbhe air a thoirt-air-ghabhail le cumhachan stèidhichte leis a’ Choimisean, faodaidh an croitear-seilbhe iarrtas a chur gu Cùirt an Fhearainn ann an Alba airson atharrachadh anns na cumhachan a chaidh a stèidheachadh.
Feumaidh an Coimisean rannsachadh a bheilear no nach eilear a’ gèilleadh do dhleastanas far an d’ fhuaireadh: aithisg bho Chomataidh Ionaltraidh nach eil croitear gabhaltais no croitear-seilbhe le roinn anns an ionaltradh a’ gèilleadh do dhleastanas co-cheangailte ri àite-còmhnaidh, chan ann ri mì-fheum no dearmad no ri àiteach agus cumail suas; no fiosrachadh ann an sgrìobhadh bho Chomataidh Ionaltraidh, bho Chonnstabal Ionaltraidh, Measadair Sgìre no ball den choimhearsnachd croitearachd anns a bheil a’ chroit a tha fo amharas a’ bhrisidh air a suidheachadh.
Tha dleastanas air luchd-gabhail agus luchd-seilbhe a bhith a’ còmhnaidh an taobh a-staigh 20 mìle (32 cilemeatair) de an croit(ean); tha dleastanas orra le chèile gun mì-fheum no dearmad a dhèanamh air an croitean; tha dleastanas orra le chèile an cuid chroitean àiteach no an cur gu feum gnothaicheil eile. Chan fheumadh ach neach-gabhail a-mhàin cead a shireadh bhon uachdaran, no mura gabh cead an uachdarain fhaighinn, cead bhon Choimisean mus cuirear am fearann gu feum gnothaicheil. Ma dhearbhas an Coimisean an dèidh sgrùdaidh, gu bheil briseadh dleastanais a thaobh còmhnaidheachd, mì-fheum no dearmad, air àite a ghabhail, ’s e an cronachadh deireannach do neach-gabhail an gabhaltas aca a thoirt gu crìch. ’S e an cronachadh deireannach do chroitear-seilbhe gum bi a’ chroit aca air a toirt-air-ghabhail do chroitear-gabhail. Dh’atharraicheadh inbhe a’ chroiteir-seilbhe an uair sin gu uachdaran na croite.
Cha bhiodh sinn a’ sùileachadh don Chùirt leantainn air adhart an dèidh don Òrdugh a chur a-mach. Ma tha an Coimisean airson a dhèanamh cinnteach gu bheil briseadh air a chur ceart, tha an t-uallach air a’ Choimisean leantainn air adhart le gnìomh iomchaidh.
Faodaidh croitear dleastanasan a bhriseadh leithid: dleastanas Còmhnaidheachd; Dleastanas gun mì-fheum no dearmad a dhèanamh air a’ chroit; Dleastanas a thaobh àiteach na croite agus a cumail suas.Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn fo Riaghailt Dleastanasan Chroitearan.
Faodaidh an Coimisean leis fhèin tòiseachadh air sgrùdaidhean a tha ag èirigh à co-dhùnaidhean poileasaidh no stiùiridhean ministrealach. Cuideachd, coileanaidh an Coimisean sgrùdaidhean mu choinneamh aithisgean air an cur a-steach le daoine no le buidhnean sònraichte.
Faodaidh an Coimisean fios fhaighinn a thaobh amharas air briseadh dleastanais bho: comataidh ionaltraidh; connstabal ionaltraidh; measadair; ball den choimhearsnachd croitearachd. Mura h-eil thu air an liosta seo, faodaidh tu fios a chur a-steach mu amharas air briseadh dleastanais ach chan eil e mar fhiachaibh oirnn a sgrùdadh.
Bu chòir dhut foirm Amharas air Briseadh Dleastanais a lìonadh a gheibhear air an làraich-lìn seo .http://www.crofting.scotland.gov.uk/crofters-duties No, mura h-eil cothrom agad air an eadar-lìon, faodaidh tu fios a chur gu an oifis againn (01463 663439) agus cuiridh sinn foirm a-mach thugad. Gabhaidh sinn ri fios ann an cruth litreach cho fada 's gu bheil fiosrachadh gu leòr ann a nì e comasach dhuinn a dhol air adhart leis a' chùis.
Suas gu 12 seachdainean, a rèir meud na làraich, mathas an fhearainn, mar a bheir atharrachadh na làraich buaidh air obrachadh na croite agus na freagairtean a gheibh an Coimisean mu choinneamh a’ phròiseis fiosrachaidh.
Is urrainn, ma dh'fhuiricheas iad nan neach-gabhail no na neach-seilbhe air a' phìos fearainn, faodaidh iad tagardh eile a dhèanamh gu am fearann a dhi-chroiteadh.
Ma tha cumha sònraichte - can gu bheil am pìos fearainn air a bheil an stiùireadh dèante gu bhith air fheansadh dheth, - agus cuibhreachadh ùine co-cheangailte ris, dè a' bhuaidh a bheir neo-ghèilleadh don chuibhreachadh ama, ma bheir idir?
Ma tha an Coimisean riaraichte gu bheil briseadh air cumhachan, faodaidh iad tuilleadh stiùiridh a dhèanamh gum bi am fearann mu bheil am briseadh chumhachan, na chroit falamh: Earrann 25(3). Ach chan urrainn don Choimisean stiùireadh eile a dhèanamh ma tha còrr air 20 bliadhna air a dhol seachad bho chaidh an stiùireadh a lìbhrigeadh, no gu bheil am fearann air a chur gu neach eile seach an croitear a bh' ann no ball de theaghlach a' chroiteir a bh' ann: no gu bheil fiachan air an gleidheadh aig an àm seo tro thèarainteachd coitcheann thairis air, no thairis air còir fìor sam bith san fhearann no ann am pàirt dheth.
Ma tha an Coimisean riaraichte gu bheil brisweadh cumha air tachairt, faodaidh iad stiùireadh eile a dhèanamh gu bheil am fearann a tha co-cheangailte ris a' bhriseadh cumha, a bhith na chroit falamh: Section 25(3) Ach chan urrainn don Choimisean tuilleadh stiùiridh a dhèanamh ma tha còrr air 20 bliadhna air a dhol seachad bho chaidh an stiùireadh a sgaoileadh, no gu bheil am fearann on uair sin air a thoirt do neach eile seach an croitear a bh' ann an toiseach no ball de theaghlach a' chroiteir a bh' ann: no gu bheil fiachan gu làithreach air a thèarainn mar thèarainteachd coitcheann thairis air, no thairis air còir fìor sam bith, anns an fhearann no pàirt sam bith dheth.
Chaidh Gabhailean Earrann 17/18 a bhuileachadh air croitearan às-làthair, a fhuair Tiotal gu làrach an taigh croite a' leantainn air oidhirp bhon Choimisean an gabhaltas croite a thoirt gu crìch. Chaidh Gabhailean Earrann 18 a bhuileachadh do chroitearan aosta a thug suas an gabhaltas croite air chumha gum faigheadh iad Tiotal air làrach an taigh croite. Chaidh Gabhailean Earrann 17 agus18 Feus a stad nuair a thàinig anb Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) gu bith air 10 Ògmhios 1976. Ach, tha am fearann ris a bheil iad co-cheangailte fhathast fo bhuaidh nan Achdan Croitearachd gus a bheil Stiùireadh di-chroitidh air a bhuileachadh leis a' Choimisean.
Thug Achd Gleidhidhean Chroitearan (Alba) 1886 cead còrach don uachdaran tagradh airson ùghdarras fearann croite a thoirt air ais (a ghluasad bho ghabhaltas croitearachd) airson adhbhar reusanta, le ùmhlachd do phàigheadh dìolaidh don chroitear. Cheadaich Achd nan Croitearan (Alba) 1955 do dh'uachdaran croite falamh tagradh gu Rùnaire na Stàite ann an Alba airson stiùireadh gu stad a chur air a' chroit (no pàirt den chroit) a bhith na croit. Ghluais Achd na Croitearachd (Alba) 1976 uallach di-chroitidh gu Coimisean nan Croitearan. Thug i a-steach cuideachd na leanas: còir air tagradh do stiùireadh di-chroitidh airson adhbhar reusanta, còir aig croitear-gabhail a tha a' moladh fearann croite fhaotainn gus tagradh airson di-chroiteadh, còir air làrach reachdail taigh-croite agus fearann gàrraidh a dhi-chroiteadh. Thug an Achd Croitearachd (Atharraichte) (Alba) 2013 a-steach còir do chroitearan-seilbhe tagradh don Choimisean airson stiùireadh di-chroitidh.
Am pròiseas tro am faod uachdaran, le aonta Cùirt an Fhearainn, fearann a thoirt à gabhaltas croitearachd.
A thaobh croitearan-seilbhe, chan eil am mìneachadh air a sholarachadh le Earrann 19B a' gabhail a-steach tiomnaiche croitear-seilbhe. Mar sin, cha bhiodh e teisteanaichte do thiomnaiche croitear-seilbhe, tagradh airson roinn.
Tha Fo-earrann 19D(1) ag ràdh nach urrainn do chroitear-seilbhe pàirt sam bith de chroit croitear-seilbhe a ghluasad (eadar gu bheil no nach eil airson beachdachasdh luaich) gun a' chroit a roinn an toiseach don phàirt a tha an croitear-seilbhe a' moladh a ghluasad, agus am pàirt a tha an croitear-seilbhe a' moladh a chumail. Tha Fo-earrann 19D(6) a' solarachadh gu bheil gluasad sam bith air sealbh de phàirt sam bith de chroit ann an seilbh nach eil na chroit ùr air a chruthachadh tro roinn fon earrann seo, agus tiotal sam bith ag iarraidh seilbh air a' phàirt sin a ghluasad, falamh gun èifeachd.
Chan urrainn don Choimisean a ch an aonta a thoirt do roinn air croit a' leantainn air tagradh sin a dhèanamh le bhith: (a) neach-gabhail fo earrann 9, no (b) croitear-seilbhe fo earrann 19D. Is e beachd a' Choimisein gu bheil mìneachadh air croitear-seilbhe ann an Earrann 19B a' cumail a-mach phearsachan aig a bheil sealbh air pàirt de chroit. (s. 19B (2)). Chan eil sinn ga mheas comasach seo a leughadh mar shealbhadair croite no pàirt de chroit, oir ann an àiteachan eile san Achd tha pàirt de chroit air a mhìneachadh a thuilleadh air a' chroit. Leis an loidsig seo, faodaidh croitearan-seilbhe a bhith mar dhaoine aig a bheil tiotal don chroit, fa leth no ann an co-bhonn, ach chan eil am mìneachadh a' leudachadh a-mach gu na daoine sin aig a bheil sealbh air pàirt de chroit. Mar bhuil air an seo, chan eil tagradh roinne air a chur a-steach leis an uachdaran de phàirt croite falamh, comasach oir chan e neach-gabhail no croitear-seilbhe a th' annta. Is e buil eile, bho nach eil iad nan croitearan-seilbhe, chan eil aca ri aonta nan Coimiseanairean fhaotainn gu a' chroit a roinn ron ghluasad, eadar gur ann no nach ann airson luach, no pàirt sam bith den chroit.
Faodaidh, faodaidh croitear seilbhe tagradh airson cead bhon Choimisean a thaobh gabhail air màl air a’ chroite a tha san amharc, airson ùine nach bi nas fhaide na 10 bliadhna (“geàrr-ghabhail). Dh’fhaodadh gun leag an Coimisean cumhachan (seach an fheadhainn co-cheangailte ri màl) air a’ ghabhail mar a chì iad iomchaidh.
Cha dhèiligear le luchd-gabhail a tha fo ghabhaltas gheàrr-ama mar chroitear no mar neach-gabhail fon Achd Fearann Àiteachais (Alba) 2003. Mar thoradh air an sin, cha bhi na h-aon chòirean laghail aca ris an t-seòrsa sin de luchd-gabhail. Ach, faodaidh an Coimisean, ann an ceadachadh gabhail-fearainn a tha san amharc air croit-seilbhe airson ùine gun a bhith nas fhaide na 10 bliadhna (â gabhail geàrr), cumhachan a chur an sàs (a bharrachd air feadhainn co-cheangailte ri màl) a thathar a’ meas iomchaidh. A thuilleadh air an sin, faodaidh an Coimisean geàrr-ghabhail a chaidh a bhuileachadh a thoirt gu crìch, ma bhios gin de na cumhachan a chaidh a chur an sàs air am briseadh no mura gèill an neach-gabhail do chumha toirt-air-ghabhail, a bharrachd air aon sam bith co-cheangailte ri màl.
Cha tèid dèiligeadh le luchd-gabhail air geàrr-ghabhail mar chroitear no mar neach-gabhail fo Achd Tacan Ãiteachais (Alba) 2003. Mar thoradh air an sin, cha bhi na h-aon chòirean laghail aca ris an t-seòrsa luchd-gabhail sin. Ach, faodaidh an Coimisean ann a bhith a’ toirt cead airson gabhail a tha air a mholadh dha croit-seilbhe fad ùine nach bi nas fhaide na 10 bliadhna (geàrr-ghabhail), cumhachan a chur nan àite (seach feadhainn co-cheangailte ri màl) a thathar a’ meas iomchaidh. A thuilleadh air an sin, faodaidh an Coimisean geàrr-ghabhail a chrìochnachadh ma bhrisear cumhachan sam bith a chaidh a chur nan àite no mura cùm luchd-gabhail ri cumha toirt-air-ghabhail, seach feadhainn co-cheangailte ri màl.
Chun na h-ìre gur e buaidh an toirt-air-ghabhail a bhith a’ cruthachadh croit ùr air a ghabhail le croitear-gabhail, atharraichidh inbhe an neach-seilbhe a th’ air fhàgail bho uachdaran croit falamh gu croitear-seilbhe no uachdaran croit falamh, a rèir a bheil no nach eil e a’ coileanadh nan cumhachan neach-seilbhe a tha air an cur sìos ann an Earrann 19B.
Tha na cumhachan coitcheann a thaobh toirt-air-ghabhail air am mìneachadh ann an Clàr 2 de Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Ma tha uachdaran agus neach-gabhail air an ainm a chur ri cunnradh no ri aonta a tha a' cuibhreachadh chòraichean an neach-gabhail a thaobh gluasad còir fearainn, ceannach, roinn luach an fhearainn air athoirt air ais leis an uachdaran, agus/no roinn ann an luach fearainn air a thoirt an seilbh gu h-èigneachail, feumaidh an Coimisean lethbhreac den chunnradh no den aonta fhaighinn. A thuilleadh air an sin, ma tha iad air a dhol a-steach do chunnradh no aonta a tha a' cuibhreachadh chòraichean sam bith eile bhon neach-gabhail, feumaidh an cunnradh no an aonta a bhith air aontachadh cuideachd le Cùirt an Fhearainn ann an Alba.
Faodaidh tu lethbhreac den Achd ìos-lodadh bhon làraich-lìn againn (faic fo Foirmean agus Dtiùireadh) no cuir fios gu Oifis nam Pàipearan, PO Box 29, Norwich, NR3 1GN.
Chan eil pàirt sam bith aig a' Choimisean ann a bhith a' dearbhadh crìochan chroitean. Far a bheil connspaid a thaobh crìoch croite, tha e fosgailte do na buidhnean a tha ri connspaid tagradh a chur gu Cùirt an Fhearainn ann an Alba airson na crìochan a dhaingneachadh.
Chan urrainn don Choimisean gabhail ri no freagairt do bheachdan sam bith a nithear gun urra no ann an dìomhaireachd a thaobh thagraidhean riaghlaidh. Ach, gabhaidh sinn ri agus freagraidh sinn gearanan a nithear gun urra, ma tha gu leòr fiosrachaidh na lùib airson sin a dhèanamh.
Neach le gabhaltas bho bhliadhna gu bliadhna air taigh-còmhnaidh gun fhearann co-cheangailte, stèidhichte anns na sgìrean croitearachd.
Sriopan togte (feannagan) de fhearann air àiteach, a lorgar sna h-Eileanan an Iar.
Gliogaibh an seo airson an Nòta Fiosrachaidh air Croitean Ùra fhaicinn
Ro 1 Dàmhair 2011 bha "croitearan-seilbhe" gu h-èifeachdadh nan uachadarain air croitean falamh. Bho 1 Dàmhair 2011, tha Achd nan Croitearan (Alba) 1993 (mar a chaidh atharrachadh) a' mìneachadh croitear-seilbhe mar chroitear ma tha sealbh aca air croit; agus gun robh iad na neach-gabhail air a' chroit nuair a fhuaireadh am fearann croite no ainmichte le croitear no neacheigin a cheannaich a' chroit bhon uachdaran reachdail (1) (no neach-leantainn san tiotal do aon sam bith de na pearsachan sin). A thuilleadh air an sin, chan fhaodadh a' chroit a bhith air a leigeil air màl do neach sam bith mar chroitear, on chaidh fhaotainn no a bhonn-stèidheachadh mar chroit. (1) Is e uachdaran reachdail, sealbhadair an fhearainn aig an àm a chaidh abhonn-stèidheachadh mar chroit fon t-solar ùr cruthachadh croite, no neach-leantainn sealbhadair ann an tiotal.
Tha an ceann-latha èifeachdach ceannach/gluasad air croit air a mheas mar an ceann-latha inntrigidh/suidheachaidh air a bheil iomradh sna Reachdan Chòraichean.
Gliogaibh an seo airson fiosrachadh fhaicinn mu Phròiseactan Cumhachd Ath-nuadhachail air Fearann Croite agus air Fearann Ionaltraidh.
Bho 1 Damhair 2011, feumaidh Tiomnaidh croiteir nach maireann na ceumannan a leanas a ghabhail an taobh a-staigh 24 ìosan bho àm bàis a’ chroiteir nach maireann :- (1) Daingneachadh fhaotainn bho Chùirt an t-Siorraim a tha a’ dèiligeadh ri Oighreachd a’ chroiteir nach maireann; (2) gabhaltas na croite a ghluasad (a’ gabhail a-steach còirean ionaltraidh no roinnean) tro bharantas a tha air aontachadh air an Daingneachadh ann am fàbhar neach no roghainn; agus (3) fios a thoirt mun ghluasad sin, a’ gabhail a-steach mion-fhiosrachadh mun neach-gluasaid, do dh’uachdaran na croite a ghabhas ris an neach sin mar an neach-gabhail. Mura dèanar seo an taobh a-staigh ùine de 24 ìosan, dh’fhaodadh an gluasad a bhith fosgailte do dhùbhlanachadh. Chan e ceist a th’ ann a thaobh an Coimisean co-dhùnadh sam bith a dhèanamh mun chùis, ach dìreach ag atharrachadh nan clàran againn a’ leantainn air fios bhon Tiomnaidh.
Ma tha thu airson gabhail ris a’ chroit mar dhìleab, feumaidh tu fhèin (no Neach-tiomnaidh a’ chroiteir a bhàsaich, le cead bhuatsa) fios a thoirt mun dìleab do dh’uachdaran na croite agus lethbhreac den fhios sin a chur gun Choimisean. Feumaidh tu seo a dhèanamh an taobh a-staigh 12 MÃŒOSAN bho cheann-latha bàs a’ chroiteir no bidh an dìleab falamh gun èifeachd, agus dèiligear leis a’ chroit mar oighreachd gun tiomnadh (’s e sin, mar nach robh tiomnadh idir ann).
Is e riochd de Sgrìobhainn Atharrachaidh a th’ ann an Sgrìobhainn Rèiteachaidh Teaghlaich. Faodaidh na sgrìobhainnean sin an cur an gnìomh gus cumhachan an tiomnaidh atharrachadh, agus tha seo ga dhèanamh glè thric gus dèiligeadh le cùisean co-cheangailte ri cìs oighreachd. Airson a bhith dligheach, feumaidh sgrìobhainn atharrachaidh no sgrìobhainn rèiteachaidh teaghlaich a bhith air a chur an gnìomh leis gach aon de na buannaichean ann an tiomnadh, agus feumaidh e a bhith air a shoidhnigeadh agus air a chlàradh an taobh a-staigh 2 bhliadhna bho àm bàis an neach-tiomnaidh. Bhiodh na crìochan ama ann an earrann 10 gan cur an sàs, agus mar sin dh’fheumadh sinn brath mun dìleab fhaighinn an taobh a-staigh 12 ìosan bho àm bàis a’ chroiteir.
Dh’fheumadh sinn sealladh iarraidh air an dà chuid, an tiomnadh agus an sgrìobhainn laghail a leanas co-cheangailte ri rèiteachadh teaghlaich.
Fo Earrann 16(b) den Achd Leantainneachd (Alba) 1964, faodaidh uachdaran fios a thoirt don tiomnaiche a' crìochnachadh a' ghabhaltais, mura deach a ghluasad gu soirbheachail leis an tiomnaiche an taobh a-staigh 24 mìosan bho àm bàs a' chroiteir. Chan eil ath-thagradh sam bith an aghaidh an fhios seo.
No. the only legal authority for effecting a transfer of tenancy in an intestate succession is by obtaining Confirmation to the intestate estate of the late tenant. Simply being appointed as an executor is not, in itself sufficient to allow an executor to transfer the croft tenancy. In a recent case a Commission decision to approve a transfer by executor application was reduced by the Court of Session once it was established by the Court that the executor had failed to obtain such confirmation.
Tha an neach-gabhail a' cumail nan còraichean bhòtaidh anns a' Chomataidh Ionaltraidh mura no gus a bheil iad air an gluasad tro riaghailtean ionaltraidh no cumhachan an fho-ghabhail.