Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

An Clàr Croitearachd

Tha an Clàr Croitearchd stèidhichte air mapa agus a' solarachadh clàr deimhinneach de mheud agus ùidh ann am fearann an taobh a-staigh gabhaltas croitearachd ann an Alba. A thuilleadh air a bhith a' taisbeanadh chrìochan fearainn, tha fiosrachadh sa chlàr cuideachd mun chroitear, croitear-seilbe agus/no uachdaran na croite a tha clàraichte. Tha an Clàr Croitearachd air a chumail suas le Gleidheadair Chlàran na h-Alba, ged a tha an tagradh airson clàraidh dèante sa chiad àite gu Coimisean na Croitearachd, a nì sgrùdadh air an fhiosrachadh san tagradh no còmhla ris an tagradh mu choinneamh an fhiosrachaidh a tha ann an Clàr Chroitean a' Choimisein.  

 

Feumaidh mapa a bhith còmhla ris an tagradh agad airson do chroit a chlàradh air a' Chlàr Croitearachd, a bhios           a' taisbeanadh crìochan na croite còmhla ris a' chìs clàraidh (bu chòir do sheicean a bhith sgrìobhte gu bhith pàighte do "Coimisean na Croitearachd"). Feumaidh gach mapa a bhith soilleir agus comasach a leughadh. Mura bi mapaichean     a' coileanadh na h-inbhe a tha riatanach, thèid an tagradh a thilleadh. Faodar mapaichean a tha coileanta don inbhe seo fhaotainn bho ùghdarrasan ionadail, ailtirean is luchd-tomhais agus luchd-sgaoilidh mhapaichean an t-Suirbhidh Òrdanais, a gheibhear le bhith a' rannsachadh an Eadar-lìn. 

Gheibhear lethbhreac den fhoirm clàraidh agus na nòtaichean stiùiridh an seo

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.