An Clàr Croitearachd
Tha an Clàr Croitearchd stèidhichte air mapa agus a' solarachadh clàr deimhinneach de mheud agus ùidh ann am fearann an taobh a-staigh gabhaltas croitearachd ann an Alba. A thuilleadh air a bhith a' taisbeanadh chrìochan fearainn, tha fiosrachadh sa chlàr cuideachd mun chroitear, croitear-seilbe agus/no uachdaran na croite a tha clàraichte. Tha an Clàr Croitearachd air a chumail suas le Gleidheadair Chlàran na h-Alba, ged a tha an tagradh airson clàraidh dèante sa chiad àite gu Coimisean na Croitearachd, a nì sgrùdadh air an fhiosrachadh san tagradh no còmhla ris an tagradh mu choinneamh an fhiosrachaidh a tha ann an Clàr Chroitean a' Choimisein.
Feumaidh mapa a bhith còmhla ris an tagradh agad airson do chroit a chlàradh air a' Chlàr Croitearachd, a bhios a' taisbeanadh crìochan na croite còmhla ris a' chìs clàraidh (bu chòir do sheicean a bhith sgrìobhte gu bhith pàighte do "Coimisean na Croitearachd"). Feumaidh gach mapa a bhith soilleir agus comasach a leughadh. Mura bi mapaichean a' coileanadh na h-inbhe a tha riatanach, thèid an tagradh a thilleadh. Faodar mapaichean a tha coileanta don inbhe seo fhaotainn bho ùghdarrasan ionadail, ailtirean is luchd-tomhais agus luchd-sgaoilidh mhapaichean an t-Suirbhidh Òrdanais, a gheibhear le bhith a' rannsachadh an Eadar-lìn.
Gheibhear lethbhreac den fhoirm clàraidh agus na nòtaichean stiùiridh an seo.