Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Dè th’ ann an Croitearachd?

Is e siostam de ghabhaltas-fearainn a th’ ann an croitearachd a tha sònraichte do dh’Alba, agus tha e na phàirt iomlan den bheatha sa Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan. Faodaidh croitearachd saidhbhreas de bhuannachdan a thoradh do chroitearan agus do na coimhearsnachdan croitearachd. Tha timcheall air 20,000 croit tarsainn nan sgìrean croitearachd, a tha anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus ann an sgìrean air an sònrachadh ann an Alba. Tha còrr air 750,000 heactair de fhearann ann an Alba ann an gabhaltas fearainn, le mu 33,000 neach a’ fuireach ann an taighean croitearachd.  

Is e pìos fearainn cuibheasach beag a th’ ann an croit, a tha gu h-àbhaisteach air a chumail ann an gabhaltas, air am faod togalaichean a bhith no taigh ceangailte ris. Tha croitean a’ rangachadh ann am meud bho nas lugha na 1/2 heactair gu còrr air 50 heactair ach tha croit àbhaisteach nas fhaisge air 5 heactairean.

Tha a reachdas sònraichte fhèin air a bhith aig croitearachd bho 1886, a’ dèanamh cinnteach à tèarainteachd chòraichean fearainn, màil chothromach agus dìoladh mu choinneamh leasachaidhean maireannach. Thug Achd nan Croitearan 1886 seachad còir air a’ ghabhaltas croite fhàgail mar dhìleab aig ball de theaghlach a’ chroiteir. Thug reachdas às dèidh sin seachad còraichean eile do chroitearan, leithid còir air gabhaltas croite a shònrachadh, le ùmhlachd do dh’aonta, do neach de an roghainn fhèin no gu dearbh a’ chroit aca a cheannach.

Tha dleastanasan air croitearan mìnichte ann an reachdas, a tha a’ gabhail a-steach:

• Dleastanas a bhith a’ còmhnaidh air no taobh a-staigh 32 cileameatair den chroit 

• Dleastanas gun dearmad a dhèanamh air a’ chroit  

• Dleastanas a’ chroit àiteach agus a chumail suas no a’ chroit a chur gu feum gnothaicheil eile.

Fearann Ionaltraidh

Is e raointean fearainn a th’ ann am fearann ionaltraidh, a tha air an cleachdadh le àireamh de chroitearan agus feadhainn eile aig a bheil còir air stoc ionaltradh air an fhearann sin. Tha còrr air 1,000 pìos fearainn ionaltraidh a’ còmhdach 500,000 heactair air feadh Alba.  

Bidh na croitearan a tha a’ co-roinn fearann ionaltraidh gu h-àbhaisteach a’ fastadh Comataidh Ionaltraidh aig coinneamh phoblach gus am fearann ionaltraidh aca a chumail suas, a stiùireadh agus a leasachadh. Tha Comataidh Ionaltraidh a’ riarachadh nan Riaghailtean Ionaltraidh agus faodaidh iad riaghailtean ùra a leasachadh no a chur a-steach, le dearbhadh bho Choimisean na Croitearachd.

Sùmadh: Tha na Riaghailtean Ionaltraidh a’ sònrachadh na h-àireimh agus an t-seòrsa stuic a dh’fhaodas gach croitear a chur air an fhearann ionaltraidh, agus tha seo aithnichte mar an sùmadh.  

Carson a tha Croitearachd cudromach?  

Cultar: Bha aig ginealaichean de chroitearan ri obrachadh gu dlùth còmhla gus mòran ghnìomhachdan croitearachd deatamach a chrìochnachadh, agus bhuilich seo ann an cultar làidir de choimhearsnachd agus de rùn choitcheann, a tha ri fhaicinn chun an latha an-diugh. Tha croitearachd agus a cheangal le fearann agus àite, cudromach do ghleidheadh air dualchasan cultarach Gàidhlig agus Lochlannach sa Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan.  

Coimhearsnachd: Tha pàirt chudromach aig croitearachd ann am mòran thaobhan den bheatha sa Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Tha fearann croite air bunait a shuidheachadh airson a’ phàtrain air structar tuineachaidh is baile-fearainn. Tha an ceangal le fearann ionaltraidh air roinn ghoireasan agus saothair co-obrachail a dhèanamh riatanach, a tha an uair sin a’ cur neart ri àite dhleastanasan co-roinnte agus faireachdainn de dhearbh-aithne.

Eaconamaidh Dùthchail: Tha croit a’ toirt bunait do chroitearan agus an teaghlaichean airson còmhnaidh, am fearann a chur gu feum airson àiteachas agus iomairtean eile. Gabhaidh croitearachd a bhith gu furasta air amalachadh le modhan cosnaidh eile.

Fearann is Àrainneachd: Tha an siostam croitearachd de àiteachas eadar-mheasgte air bheag-sgèile agus ionaltradh de dhèinead ìosal, a’ cur gu mòr ris an àrainneachd, cruth-tìre, eag-eòlas agus bith-iomadachd nan Sgìrean Croitearachd.

An Clàr Chroitean (ROC)

Is e liosta phoblach de chroitean air a cumail le Coimisean na Croitearachd a th’ anns an ROC, anns a bheil fiosrachadh bunaiteach mun chroit agus na daoine co-cheangailte ris. Tha dìreach còrr air 20,500 croit air a chlàradh air Clàr Chroitean (ROC) Coimisean na Croitearachd le timcheall air 72% dhiubh fo ghabhaltas agus an còrr ann an seilbh.  

Gus tadhal air a’ Chlàr Chroitean air-loidhne, cliogaibh air a’ cheangal seo Register of Crofts (ROC) | Crofting Commission (scotland.gov.uk)

Gabhaidh an ROC a rannsachadh tro ainm a’ ghabhaltais no an neach fa leth agus gheibhear am fiosrachadh a leanas:  

  • Àireamh Clàraidh
  • Còd a’ Phrìomh Làraich
  • Farsaingeachd Iomlan (neo-dhearbhte mura h-eil a’ chroit clàraichte)  
  • Seòrsa Croite
  • Inbhe na Croite
  • Inbhe a’ Chroiteir
  • Croitear
  • Uachdaran
  • Roinn Ionaltraidh

Chan eil fiosrachadh mu chrìochan no mapaichean de chroitean san ROC, oir tha seo glèidhte le Clàran na h-Alba.

Clàran na h-Alba: An Clàr Chroitean

Bha an Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2010 ga dhèanamh riatanach air Gleidheadair Clàran na h-Alba, clàr chroitean poblach, fearann ionaltraidh agus fearann air a ghleidheadh ann an roinnean-ruighe, a stèidheachadh agus a chumail suas, a tha an-asgaidh a rannsachadh. Tha an clàr seo stèidhichte air mapaichean, aocoltach ri Clàr Chroitean Coimisean na Croitearachd.

Tha clàradh air croit sa Chlàr Chroitean riatanach airson tachartasan sònraichte a tha aithnichte mar thachartasan piobrachaidh. Gus tuilleadh fiosrachaidh fhaicinn mu na tachartasan sin, cliogaibh air a’ cheangal "trigger events". Tha clàradh saor-thoileach air croitean fa leth, no buidhnean de chroitean ann am baile, air a mholadh cuideachd.    

Gus tadhal air a’ Chlàr Chroitean air-loidhne, cliogaibh air a’ cheangal seo Crofting Register (ros.gov.uk)

Tagraidhean Riaghlaidh

Is e goireas luachmhor a th’ ann an croitean agus fearann ionaltraidh, a bu chòir a bhith ri fhaotainn a-nis agus san àm ri teachd le croitearan a th’ ann mar-thà agus croitearan a tha ùr do chroitearachd, gus a bhith comasach air an cleachdadh gu buannachdail.

Gus atharrachaidhean a dhèanamh air a’ chroit aca, tha aig croitearan ri Tagraidhean Riaghlaidh a chur a-steach gu Coimisean na Croitearachd airson cead. Gheibhear fiosrachadh mionaideach mu gach aon de na Tagraidhean Riaghlaidh le cliogadh air a’ cheangal: Regulatory Applications | Crofting Commission (scotland.gov.uk)

Gheibhear mion-fhiosrachadh mu bhuidhnean eile, a tha a’ tabhann cuideachadh agus taic do chroitearan, le cliogadh air a’ cheangal: “Where do I get help”

© Crofting Commission 2022Site MapSite by Plexus.