skip to navigation
skip to page content
English

Mu Ar Deidhinn

Is e Buidheann Poblach Neo-roinneil (NDPB) a th' ann an Coimisean na Croitearachd a bhios ag obrachadh bho latha gu latha gu neo-eisimeileach den riaghaltas, ach do bheil Ministearan na h-Alba cunntachail aig deireadh gnothaich. Chruthaich an Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2010 Coimisean na Croitearachd, a thàinig gu bith air 1 Giblean 2012, a' gabhail thairis bho Choimisean nan Croitearan.

Is e prìomh dhleastanas Coimisean na Croitearachd, croitearachd a riaghladh agus ath-eagrachadh, adhartachadh mathas croitearachd agus a' cumail sùil sgrùdail air cùisean co-cheangailte ri croitearachd.

Ar Lèirsinn

Gun lean croitean agus coimhearsnachdan croitearachd orra a’ neartachadh inneach sòisealta, cultarach, eaconamach agus àrainneachdail nan sgìrean croitearachd.

Ar n-Adhbhar

An siostam croitearachd a riaghladh gu cothromach agus gu reusanta gus a dhìon do na ginealaichean ri teachd.

Tha an Coimisean air a dhèanamh suas de shia Coimiseanairean air an taghadh bho cheàrnaidhean cruinn-eòlasach sna sgìrean croitearachd, agus trì Coimiseanairean air am fastadh le Riaghaltas na h-Alba. Chaidh an Neach-gairm a thaghadh le Coimiseanairean bho am measg nan ochd Choimiseanairean. Tha sgioba-obrach de barrachd na 55 a' cur taic ris na Coimiseanairean, air an stiùireadh leis an t-Àrd-oifigear. Tha an Coimisean stèidhichte ann an Taigh a' Ghinne Mhòir, Inbhir Nis. 

Gheibhear lethbhreac den Phlana-gnìomhachais, Plana Trèanaidh agus Poileasaidh Bacadh Foill againn gu h-ìosal.

 

 

 

 

Covid -19

UPDATE: CORONAVIRUS
The majority of our staff continue to work from home but we do NOT have access to our office at present. We will continue to give priority to applications that relate to statutory deadlines, or which concern a Crofting Register forms to notify the Commission that an event has taken place.

Approved Applications:

If you are a crofter who has had an application approved by the Commission within the last 3 months
Please read this important information regarding effecting Commission regulatory decisions.

Site visits are still not possible until the government eases the current restrictions on movement. Similarly, no hearings will take place until public meetings (with appropriate social distancing) can take place.

Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW

Greener Scotland Logo

Social Impact Pledge Logo

© Crofting Commission 2021Site MapSite by Plexus.