Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Cruthachadh croit ùr

Ma tha an Coimisean den bheachd gu bheil e gu math a' phobaill agus gum biodh buannachdan sòisealta is eaconamach na lùib, faodaidh fearann a-nios a bhith air ainmeachadh mar fhearann croite, an taobh a-staigh nan sgìrean croitearachd làithreach no ann an àiteachan ainmichte ùra do chroitearachd, agus is iadsan:

  1. sgìre riaghaltais ionadail na Gàidhealtachd a tha taobh a-muigh nan sgìrean croitearachd làithreach
  2. sgìre riaghaltais ionadail Mhoireibh
  3. sgìre riaghaltais ionadail Earra-Ghàidheal is Bhòid, paraistean Cheann a' Gharaidh, Bòd a Tuath agus Baile Bhòid
  4. sgìre riaghaltais ionadail Shiorrachd Inbhir Àir a Tuath, eileanan Arainn (a' gabhail a-steach Eilean Mo Laise agus Plada), Cumaradh Beag agus Cumaradh Mòr.

Feuch gun dèan sibh cinnteach gun cuir sibh a-steach ur foirm Tagradh Clàraidh bho Chlàran na h-Alba (RoS) còmhla ris an tagradh agaibh, ma bhios feum air. 

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.