Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Fearann Ionaltraidh Riaghlaichte

Tha reachdas croitearachd a’ toirt cothrom do Chomataidhean Ionaltraidh an riaghailtean làithreach atharrachadh no riaghailtean ùra a dhèanamh gus an cuideachadh ann an stiùireadh is rianachd cheart air an Fhearann Ionaltraidh aca.

Tha Coimisean na Croitearachd air teamplaid Riaghailtean Fearann Ionaltraidh aontachadh a tha a-nis ri faotainn le Comataidhean Ionaltraidh airson gabhail rithe, lethbhreac gu h-ìosal.

Ged nach eil e àithnteil do Chomataidhean an riaghailtean Ionaltraidh atharrachadh no gabhail ris an teamplaid ùir, bidh an Coimisean a’ moladh do Chomataidhean coinneachadh a dheasbad air agus an riaghailtean làithreach ath-sgrùdadh, gus dearbhadh a bheil iad a’ coileanadh an riatanasan.

Bu chòir do dh’atharrachaidhean no gabhail sam bith ri riaghailtean ùra ionaltraidh a bhith air an nochdadh taobh a-staigh na teamplaid agus an uair sin air an cur a-steach chun a’ Choimisein, a choileanas sgrùdaidhean iomchaidh agus a chumas cheangalan ri Comataidhean gus a dhèanamh cinnteach gu bheil na h-atharrachaidhean, no iarrtasan airson rèiteachaidhean ionadail, ann an co-rèir ri Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Bidh an Coimisean cuideachd a’ co-chomhairleachadh le neach-seilbhe an Fhearainn Ionaltraidh.

Stiùireadh ùr do Chomataidhean Ionaltraidh  

Tha Coimisean na Croitearachd air seata ùr de stiùiridhean a chruthachadh do Chomataidhean Ionaltraidh, le lethbhreac gu h-ìosal.  

Tha an Stiùireadh ag amas air Comataidhean Ionaltraidh a chuideachadh le an dleastanasan a thaobh fearann ionaltraidh a chumail suas agus a leasachadh. Tha e a’ toirt seachad fiosrachadh mu gach taobh de stiùireadh air fearann ionaltraidh agus an dleastanas buntainneach aig Comataidh Ionaltraidh.

Tha an Stiùireadh eadar-dhealaichte bho Riaghailtean Ionaltraidh;  tha e a’ solarachadh taic do Chomataidhean le bhith gan comhairleachadh mu na dh’fheumas a bhith ann an riaghailtean agus na thèid fhaicinn mar dheagh chleachdadh. Ach, chan eil e an àite no a’ cur ris na Riaghailtean Ionaltraidh a tha a’ steidheachadh na bunait aontaichte airson stiùireadh ceart air fearann ionaltraidh.  

Feuch gun cuir sibh fios gu ar sgioba Ionaltraidh ma bhios ceistean sam bith agaibh a thaobh seo.

Post-d: grazings@crofting.gov.scot     Fòn: 01463 663439.

 

 

 

© Crofting Commission 2021Site MapSite by Plexus.