Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Faighinn Croit

A’ Coimhead ri bhith nad Chroitear? Am fiosrachadh a dh’fheumas tu.

Tha a bhith nad Chroitear a’ toirt cothrom air tlachd fhaighinn à gabhaltas fearainn agus dòigh-beatha a tha sònraichte do dh’Alba, agus cur ris a’ chultar, eaconamaidh, coimhearsnachd agus àrainneachd na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Tha mòran nithean ri bheachdachadh mus fhaighear croit, a’ gabhail a-steach na tha e a’ ciallachadh a bhith nad chroitear. Seo iùl goirid, a tha a’ mìneachadh cuid de na prìomh phuingean mu thimcheall Croitearachd agus dleastanasan laghail Croiteir.

Thoiribh an aire gur e iùl coitcheann a tha seo agus nach eil comhairle laghail ann. Thathar a’ moladh dhuibh comhairle laghail a shireadh mus fhaigh sibh croit.

Reachdas Croitearachd

Tha riaghladh croitearachd air a ghiùlain le reachdas Croitearachd, sa mhòr-chuid 'Achd nan Croitearan (Alba) 1993' agus an ‘Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2010.'

Faighinn croit

Sònrachadh Gabhaltas Croite: Tha neach-gabhail croite airidh air gabhaltas na croite a ghluasad (a shònrachadh) do neach eile, le ùmhlachd do dh’aonta bho Choimisean na Croitearachd.  

Gluasad Seilbhe:  Far a bheil croit air a ceannach bhon uachdaran leis an neach-gabhail, tha  sealbhadair ùr na croite gu h-àbhaisteach air ainmeachadh mar chroitear-seilbhe. Chan eil feum aig croitear-seilbhe air cead bho Choimisean na Croitearachd gus sealbh na croite a ghluasad, ach tha feum aig sealbhadair ùr gu laghail air fios a leigeil gu Coimisean na Croitearachd mun atharrachadh ann an sealbh na croite.

Croitean Falamh: Tha àireamh de chroitean air an ceannach nach eil taobh a-staigh a’ mhìneachaidh reachdail air croit seilbhe, agus a rèir an lagh tha iad falamh. Ann an suidheachaidhean mar sin, faodaidh Coimisean na Croitearachd riatanas a chur air sealbhadair na croite fhalaimh, a’ chroit a leigeil gu neach-gabhail. Tha e cudromach inbhe croite a dhearbhadh ro eadar-ghluasad sam bith.   

Dè na còraichean agus na dleastanasan a th’ agam mar Chroitear?  

Tha aig croitearan uile, an dà chuid croitearan-gabhail agus croitearan-seilbhe, ri gèilleadh gu laghail do Dhleastanasan Reachdail co-cheangailte ri còmhnaidheachd agus stiùireadh air croitean. Is e nì a tha seo as dòcha mu nach eil luchd-ceannach san amharc soilleir, ach do am bu chòir a bhith mothachail ro cheannach sam bith. Is iad na dleastanasan sin:

  • Dleastanas a bhith gu h-àbhaisteach a’ còmhnaidh air no taobh a-staigh 32km (20 mìle) den chroit aca
  • Dleastanas a thaobh na croite àiteach agus a chumail suas no a cur gu feum gnothaicheil eile.
  • Dleastanas gun mì-fheum no dearmad a dhèanamh air a’ chroit.

Far a bheil Croitear a’ fàillingeadh ann an gèilleadh do an dleastanasan, faodaidh Coimisean na Croitearachd am briseadh dleastanais a rannsachadh agus gnìomh co-èigneachaidh a ghabhail os làimh. Faodaidh seo toradh ann an gabhaltas croite a thoirt gu crìch, no ann an suidheachadh croitear-seilbhe riatanas a thaobh na croite a leigeil, mura faighear fuasgladh air a’ chùis.

Dè tha 'gu h-àbhaisteach a’ còmhnaidh’ a’ ciallachadh?

Feumaidh croitear a bhith a’ fuireach air a’ chroit no taobh a-staigh 32km den chroit aca. Tha croitear nach eil a’ fuireach air a’ chroit no taobh a-staigh 32km, air a mheas gu bhith a’ briseadh an dleastanais còmhnaidheachd.

Dè tha ‘àiteach’ a’ ciallachadh?

Feumaidh croitearan uile an croitean àiteach no an cur gu ‘feum gnothaicheil’ eile. Tha "àiteach" a’ ciallachadh cleachdadh àiteachail. Tha seo a’ gabhail a-steach "cleachdadh air croit airson àiteach-gàrraidh no seòrsa sam bith de thuathanachas, a’ gabhail a-steach:

  • cumail agus briodachadh stoc, cearcan no seilleanan
  • fàs mheasan, glasraich agus a leithid
  • cur chraobhan
  • cleachdadh an fhearainn mar fhearann coillteach.

Dè tha ‘feum gnothaicheil’ a’ ciallachadh?

Faodar croit a chur gu feum gnothaicheil eile cuideachd, le cead an uachdarain no Coimisean na Croitearachd. Tha "feum gnothaicheil" a’ ciallachadh cleachdadh sam bith air a phlanadh no air a stiùireadh, nach eil a’ toirt droch bhuaidh air a’ chroit, air ùidh a’ phobaill, ùidhean an uachdarain, no cleachdadh air an fhearann a tha ri làimh, agus nach cuir bacadh air a’ chroit a bhith ga chleachdadh airson àiteachas san àm ri teachd.

 

Dè th’ ann an 'mì-fheum' agus 'dearmad'?

Is e "mì-fheum" far a bheil croitear a dh’aon ghnothaich agus le fios a’ cleachdadh na croite airson adhbhar seach àiteachas no feum gnothaicheil eile, no far nach eil a’ chroit ga cleachdadh idir. Is e "dearmad" far nach eil croitear (no croitear-seilbhe) a’ ruith na croite ann an dòigh a tha a’ coileanadh ìrean matha suidheachaidh àiteachais agus àrainneachdail, mar a tha air iomradh ann an Riaghailt 4 de Riaghailtean Sgeamaichean Poileasaidh Àiteachais Coitcheann (Tar-Ghèillidh) (Alba) 2004.

Am faod mi taigh croite a cheannach às aonais fearann?  

Ma tha croit chlàraichte ga reic le taigh, dh’fhaodadh gum bi an taigh mar phàirt den chroit agus fo ùmhlachd reachdas croitearachd. Tha e cudromach inbhe an taighe a dhearbhadh mus dèanar ceannach sam bith.

Faodaidh seo a bhith cudromach ma bhios feum aig an neach-ceannach air morgaids oir dh’fhaodadh nach tabhainn luchd-iasaid taic ionmhais ach nuair a tha an taigh saor bho reachdas croitearachd.

Dè th’ ann an Di-chroiteadh?

Ma tha croit chlàraichte ga reic le taigh, dh’fhaodadh gu bheil an taigh agus an gàrradh air an di-chroiteadh, a tha a’ ciallachadh ged a tha am fearann timcheall an taighe fhathast fo ghabhaltas croitearachd, chan eil e (agus glè thric am fearann gàrraidh) fo ùmhlachd reachdas croitearachd tuilleadh. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu dhi-chroiteadh le cliogadh air a’ cheangal: Decrofting

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.