Mu Ar Deidhinn
Is e Buidheann Poblach Neo-roinneil (NDPB) a th' ann an Coimisean na Croitearachd a bhios ag obrachadh bho latha gu latha gu neo-eisimeileach den riaghaltas, ach do bheil Ministearan na h-Alba cunntachail aig deireadh gnothaich. Chruthaich an Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2010 Coimisean na Croitearachd, a thàinig gu bith air 1 Giblean 2012, a' gabhail thairis bho Choimisean nan Croitearan.
Is e prìomh dhleastanas Coimisean na Croitearachd, croitearachd a riaghladh agus ath-eagrachadh, adhartachadh mathas croitearachd agus a' cumail sùil sgrùdail air cùisean co-cheangailte ri croitearachd.
Gun lean croitean agus coimhearsnachdan croitearachd orra a’ neartachadh inneach sòisealta, cultarach, eaconamach agus àrainneachdail nan sgìrean croitearachd.
An siostam croitearachd a riaghladh gu cothromach agus gu reusanta gus a dhìon do na ginealaichean ri teachd.
Tha an Coimisean air a dhèanamh suas de shia Coimiseanairean air an taghadh bho cheàrnaidhean cruinn-eòlasach sna sgìrean croitearachd, agus trì Coimiseanairean air am fastadh le Riaghaltas na h-Alba. Chaidh an Neach-gairm a thaghadh le Coimiseanairean bho am measg nan ochd Choimiseanairean. Tha sgioba-obrach de barrachd na 55 a' cur taic ris na Coimiseanairean, air an stiùireadh leis an t-Àrd-oifigear. Tha an Coimisean stèidhichte ann an Taigh a' Ghinne Mhòir, Inbhir Nis.
Gheibhear lethbhreac den Phlana-gnìomhachais, Plana Trèanaidh agus Poileasaidh Bacadh Foill againn gu h-ìosal.