Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Fosgarrachd

Tha Coimisean na Croitearachd cùramach mu dhìon do phrìobaideachd. Gus an dàta pearsanta agad a chumail sàbhailte agus dèanamh cinnteach gu bheil e mionaideach, cha bhi sinn a’ tional agus/no a’ stòradh ach an dàta a tha riatanach airson ar dleastanasan a choileanadh mar bhuidheann riaghlaidh, mar a tha mìnichte nar Fios Prìobhaideachd  

Tha sinn ag amas air seirbheisean agus fiosrachadh àrd-chàileachdail a sholarachadh don phoball uile, ach feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ gèilleadh le ar dleastanasan fo  FOISA/EIR, fiù ged nach biodh iomradh dèante air na h-Achdan sin nuair a dh’iarras neach sam bith fiosrachadh bhuainn. Mar sin ged a dh’fhaodadh gach iarrtas airson fiosrachadh gu teicnigeach a bhith air a sheòrsachadh mar Iarrtas Saorsa Fiosrachaidh (FOI)/Iarrtas Fiosrachaidh Àrainneachdail (EIR), bidh dòigh-obrach a’ Choimisein a-nis ann an co-rèir ri Earrann 60 de Chòd Giùlain Mhinistearan na h-Alba mu dheidhinn Coileanadh Dhleastanasan le Ùghdarrasan Poblach na h-Alba, agus feumaidh sinn dèiligeadh ris an t-seòrsa iarrtas a leanas mar cheist choitcheann; far a bheil a’ cheist:

  • Sìmplidh agus neo-thoinnte
  • Cha bhi duilgheadas againn a’ sgaoileadh an fhiosrachaidh uile a chaidh iarraidh taobh a-staigh an raoin-ama bhuntainnich
  • Agus tha coltas gum bi an neach-iarraidh sàsaichte leis an fhreagairt agus nach eil coltas ann gum bi e mì-shàsaichte.

Far a bheil an t-iarrtas toinnte agus feumach air sgrùdadh no far as dòcha nach eil e furasta am fiosrachadh fhaotainn agus a thional ann an cruth airson a sgaoileadh, bidh iarrtasan air an giullachd fon reachdas bhuntainneach mar iarrtas FOI no EIR.

Bheir seo còir don neach-iarrtais air Ath-sgrùdadh a dhèanamh air a’ chiad fhreagairt agus cothrom ath-thagradh a dhèanamh gu Oifis Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba, ma tha iad fhathast mì-shàsaichte.

Tha sinn ag amas air litrichean a fhreagairt taobh a-staigh 20 latha bhon latha fhuaireadh iad. Mura h-urrainn dhuinn làn fhreagairt a thoirt seachad taobh a-staigh an ama seo, sgrìobhaidh sinn thugad a’ mìneachadh gu bheil dàil sa chùis agus cuin a dh’fhaodas tu a bhith a’ sùileachadh làn fhreagairt.

Mus dèanar iarrtas airson fiosrachadh

Tha mòran fiosrachaidh ri fhaotainn a-cheana air an làrach-lìn seo tro ar Sgeama Foillseachaidh a lorgar gu h-ìosal agus san Aithisg Bhliadhnail againn. Gheibh thu cuideachd mòran fhoillseachain, fiosrachadh agus pàipearan a’ Bhùird. Tha sinn a’ moladh coimhead tron làrach-lìn seo an toiseach mus dèan thu iarrtas airson fiosrachadh oir dh’fhaodadh gu bheil e ri fhaotainn mar-thà.

Tha sinn fìor dhealasach mu ghèilleadh do reachdas a tha a’ toirt dhut a’ chòir air fiosrachadh iarraidh agus am fiosrachadh sin a bhith air a thoirt dhut mura h-eil adhbharan matha ann gun sin a  dhèanamh. Ach, bu chòir dhut a bhith mothachail don stiùireadh againn a thaobh iarrtasan draghail agus bitheanta, a lorgar gu h-ìosal còmhla ri lethbhreac de ar Poileasaidh Uallaichean.

Tha sinn cuideachd air teamplaid a mholadh a dh’fhaodas tu a chleachdadh airson dàta pearsanta iarraidh, lorgaidh tu seo gu h-ìosal. Ach, bu chòir dhut cuideachd coimhead ris an duilleig mu dheidhinn Dìon Dàta air an làrach-lìn seo.

 

© Crofting Commission 2021Site MapSite by Plexus.