Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Còir-sheilbhCur air adhart do chroit

Còir-sheilbhCur air adhart do chroit

Carson a bu chòir dhomh beachdachadh air mo chroit fhàgail aig neach eile?  

Tha pàirt dheatamach aig croitearachd ann am beatha na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, agus tha comas aige air dèiligeadh ri cuid de na dùbhlain mhòra ris a bheil an sgìre a’ cothachadh a thaobh gleidheadh àireamh-sluaigh, iomadachadh eaconamach, stiùireadh fearainn, bith-iomadachd agus atharrachadh gnàth-shìde, am measg feadhainn eile. Tha iarrtas mòr air gabhaltasan croite agus mar sin tha croitean nach eil gan àiteach no gan cumail suas no gan cur gu adhbhar gnothaicheil eile, nan cothrom caillte. Mar as fhaide nach eil croit ga obrachadh, ’s ann as motha a thèid am fearann, feansadh, togalaichean agus drèanadh a dholaidh, ga dhèanamh nas duilghe don ath neach-gabhail a thoirt air ais gu feum. Tha dearmad air a’ chroit obrachadh a’ ceadachadh do phlanntrais sgaoilteach gabhail thairis agus faodaidh cur-às dhiubh sin a bhith cosgail agus mòran ùine a chaitheamh.

Tha fìor bhuannachdan an lùib do chroit a chur air adhart rè do bheatha fhèin:

  • tha do rùintean soilleir agus faodar an cur an gnìomh rè do bheatha agus bidh cothrom agad sùil a chumail air a’ phròiseas
  • tha cothrom agad do shaidhbhreas fiosrachaidh is eòlais air croitearachd a roinn leis a’ chroitear ùr a thagh thu

Mar Chroitear gabhaltais, faodaidh tu tagradh gu:  

Cuir tagradh airson do Chroit a Shònrachadh

Is e tar-ghluasad maireannach air gabhaltas gu neach a roghnaicheas tu, le ùmhlachd do Choimisean na Croitearachd, a th’ ann an Sònrachadh. Dh’fhaodadh gur e ball den teaghlach a bhios an seo, no faodaidh tu an gabhaltas agad a thar-ghluasad, aig prìs a dh’aontaicheas sibh, gu ainmnichthe a tha molta.  Ma tha taigh croite agad, gabhaidh seo a dhi-chroiteadh (a chur air leth bhon chroit), mus tachair an sònrachadh, no faodaidh tu a ghabhail a-steach don tar-ghluasad ma tha thu air no a’ dol a ghluasad gu àite-fuirich eile.

Bu chòir dhut an-còmhnaidh comhairle laghail a shireadh mus sònraich thu an gabhaltas croite, oir tha an tar-ghluasad maireannach agus cha ghabh e a thilleadh, ged a dh’atharraicheadh tu d’ inntinn.

Gheibhear tuilleadh mion-fhiosrachaidh mu Shònrachadh, agus stiùireadh is foirmean tagraidh, le cliogadh air a’ cheangal: Assignation | Crofting Commission (scotland.gov.uk)

Cuir tagradh airson do Chroit fho-leigeil

Is e fo-leigeil an teirm a thathar a’ cleachdadh airson an rèiteachaidh far am faod neach-gabhail croite, tagradh a chur chun a’ Choimisein gus ceadachadh do neach eile a’ chroit aca uile no pàirt dheth obrachadh agus/no na roinnean san fhearann ionaltraidh, airson ùine stèidhichte. A thaobh còir-sheilbh, faodaidh seo a bhith feumail ann an ceadachadh don an neach-leantainn san amharc agad, tòiseachadh ag obrachadh na croite fhad ’s a tha iad a’ fuireach nan neach-gabhail. Faodaidh e a bhith feumail cuideachd gus a dhèanamh cinnteach gu bheil a’ chroit ga h-obrachadh le cuideigin eile airson ùine shònraichte, mura h-eil an neach-leantainn a thagh thu comasach air an gabhaltas a ghabhail thairis agus an dleastanasan croitearachd a choileanadh.

Is e poileasaidh a’ Choimisein gu bheil aontaidhean fo-ghabhail a thaobh thagraidhean bho chroitearan neo-chòmhnaidheach, gu h-àbhaisteach cuibhrichte gu 5 bliadhna no nas lugha. Chan eil an Coimisean a’ faicinn fo-ghabhail mar fhuasgladh fad-amail do neo-chòmhnaidheachd air croit. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu Fho-ghabhail agus stiùireadh is foirmean tagraidh an seo Subletting | Crofting Commission (scotland.gov.uk).

Mar Chroitear-seilbhe faodaidh tu:  

An sealbh fearainn a thar-ghluasad a’ cleachdadh neach-lagha.

Bu chòir dhut comhairle laghail neo-eisimeileach a shireadh ro thar-ghluasad sam bith air sealbh fearann croite.

Tagradh a chur às leth neach eile a thaobh fo-ghabhail goirid a ghabhail air a’ chroit.

Is e gabhail geàrr-amail an teirm a chleachdar nuair a tha croitear-seilbhe a’ leigeil a c(h)roite gu neach-gabhail airson ùine nach eil nas fhaide na 10 bliadhna. (Gu h-àbhaisteach, cuiridh an Coimisean cuibhreachadh air gabhailean geàrr-amail far nach eil an croitear-seilbhe a’ còmhnaidh,  gu 5 bliadhna no nas lugha). Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu Ghabhailean Geàrr-amail agus stiùireadh is foirmean tagraidh an seo Short Term Let | Crofting Commission (scotland.gov.uk)

Còir-sheilbh air do chroit an dèidh bàs  

Nam b’ fheàrr leat d’ ùidh sa chroit a chumail gu às dèidh do bhàs, bu chòir dhut a bhith mothachail, cho fada ’s a tha thu nad chroitear, gu bheil agad ri gèilleadh do dhleastanasan croitearachd uile a’ gabhail a-steach an dleastanais an lùib àiteach croite.

Faodaidh còir-sheilbh a bhith na chuspair doirbh agus a bhith mar nì mu nach eil daoine as dòcha deònach smaoineachadh. Ach, nuair a thig e gu croitearachd, tha còir-sheilbh glè chudromach agus tha e glic beagan meòrachaidh a dhèanamh air agus Tiomnadh a dhreachadh.

Nuair a bhàsaicheas croitear às aonais Tiomnadh no mura h-eil e comasach an Tiomnadh a dhèanamh èifeachdach, thèid gabhaltas na croite an uair sin a chur ann an suidheachadh ris an canar “neo-thiomnadh”. Is e raon toinnte den lagh a th’ ann an còir-sheilbh croite neo-thiomnaichte, a dh’fhaodas ùine mhòr a thogail a’ faighinn fuasgladh air, agus uaireannan chan eil loidhne leantainneachd shoilleir an làthair, agus aig amannan faodaidh ùidh a bhith aig àireamh de phàrtaidhean sa ghabhaltas. Faodaidh e cuideachd a bhith cosgail. Le neo-thiomnadh, glè thric cha tèid a’ chroit dìreach chun an neach ris am biodh dùil agad no chun an neach a bha thu an dùil a leanadh.

Tha e cudromach ann a bhith a’ dèanamh Tiomnadh, gun iarr thu air neach-lagha le fiosrachadh is eòlas mu dhèiligeadh le Tiomnaidhean co-cheangailte ri ùidhean croitearachd.  

Gheibhear tuilleadh mion-fhiosrachaidh mu chòir-sheilbh chroitean le cliogadh air a’ cheangal: Succession | Crofting Commission (scotland.gov.uk)

Prìomh Phuingean de Thiomnaidhean Croite  

  • Dèan cinnteach gu bheil aithne agad air inbhe do chroite agus inbhe earrannan sam bith an lùib fearann ionaltraidh, agus a bheil iad nam pàirt de ghabhaltas na croite no a bheil iad nan earrannan neo-eisimeileach. Register of Crofts (ROC) | Crofting Commission (scotland.gov.uk)
  • Dèan cinnteach gu bheil Tiomnadh agad agus gu bheil e air ùrachadh ma tha atharrachaidhean stuthail sam bith a’ tighinn nad shuidheachadh, a’ gabhail a-steach do chroit.  
  • Dèan cinnteach gu bheilear a’ dèiligeadh ri earrannan ionaltraidh san tiomnadh, gu h-àraid mas e earrannan neo-eisimeileach a th’ annta (a thachras mar as trice nuair a tha croit ga cheannach).  
  • Dèan cinnteach gu bheil eòlas aig an neach-lagha air dèiligeadh ri cùisean croitearachd ann an Tiomnadh sam bith.
  • Dèan cinnteach gu bheil thu soilleir mun neach aig a bheil thu a’ fàgail na croite.
  • A bheil do thaigh mar phàirt den chroit, no a bheil e air a dhi-chroiteadh? A bheil thu air solair a dhèanamh don neach a gheibh an taigh mar dhìleab, ma tha e air a dhi-chroiteadh? Ma tha an taigh na phàirt den chroit fhathast, gheibh an neach aig am fàgar gabhaltas na croite, an taigh croite còmhla ris.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus stiùiridh mu thagraidhean riaghlaidh uile air an deach iomradh gu h-àrd, a’ gabhail a-steach sònrachadh, di-chroiteadh, fo-leigeil, leigeilean geàrr-amail agus còir-sheilbh, theirigibh gu duilleagan Tagraidhean Riaghlaidh le cliogadh air a’ cheangal: Regulatory Applications | Crofting Commission (scotland.gov.uk) 

Maoineachadh Seirbheis Comhairleachaidh Tuathanas na h-Alba

An robh fios agad gum faod croitearan a-nis cothrom fhaighinn air maoineachadh suas gu £1,000 tro Sheirbheis Comhairleachaidh Tuathanas na h-Alba (FAS) airson comhairle speisealaichte mu phlanadh leantainneachd? Tha seo gun fheum air Plana Stiùiridh Fearainn Amalaichte (ILMP) ro-làimh. Tadhailibh air làrach-lìn FAS le cliogadh air a’ cheangal Farm Advisory Service Succession Planning Funding airson tuilleadh fiosrachaidh.

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.