Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Am Plana Gàidhlig (GLP)

Tha a' Ghàidhlig agus croitearachd dlùth-cheangailte. Gu dearbh, dh'fhaodaist a ràdh gur e croitearachd an taic as làidire a th' ann don Ghàidhlig; agus gu bheil a' Ghàidhlig i fhèin air taic agus neartachadh a chur ri croitearachd, a'cuideachadh le bhith ga chumail stèidhichte tro mhòran atharrachaidhean.  

Chan eil teagamh nach eil dleastanas reachdail air Coimisean na Croitearachd fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a bhith com-pàirteach ann an adhartachadh a' chànain, ach tha an ceangal gun choimeas le croitearachd a' toirt dhuinn uallach a bharrachd a thuiilleadh air dìoghras airson na h-obrach seo.

Tha sinn dealasach a thaobh a' Phlana Ghàidhlig agus Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Tha am Plana seo a' nochdadh structar foirmeil dhuinn airson taic a chur ris a' Ghàidhlig, le iomairtean ùra agus targaidean soiilleir agus tha dealas làidir air feadh a' Choimisein gus Gàidhlig fhaicinn a' soirbheachadh. 

 

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.