Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Leasachadh Croite

Leasachadh Croite

Gnìomhachdan Croitearachd Thraidiseanta

Croitearachd gu h-àbhaisteach a’ cuimseachadh air àrach stuic agus fàs air bàrr àiteachail.

Tha an làimhseachadh socair agus am measgachadh de ghnìomhachdan traidiseanta a tha co-cheangailte ri croitearachd, a’ cur taic ri raon sònraichte de ghnèithean agus àrainnean, a tha a’ cur ri bhith a’ cruthachadh cruth-tìre fìor-shamhlachail agus eadar-dhealaichte. Tha pàirt shònraichte de ghnìomhachd croitearachd ag obrachadh timcheall air toradh stuic, agus ann an àiteachan tha seo co-cheangailte ri siostaman de dhèinead ìosal ach de luach nàdair àrd.

Àrach stuic

  • Bàrr àiteachail
  • Buain fheòir

Ma tha ùidh agad ann an stoc fhaotainn no ann am bàrr fhàs, is fhiach e an-còmhnaidh comhairle fhaotainn bho chroitearan eile san àite, aig am bi glè thric bliadhnaichean de eòlas a tha sònraichte don sgìre agad. Tha saidhbhreas de fhiosrachadh mionaideach ri fhaotainn cuideachd bho Sheirbheis Comhairleachaidh Tuathanais na h-Alba (FAS):

Caoraich

Is e caoraich na beathaichean as trice a tha co-cheangailte ri croitearachd, ach a dh’aindeoin sin faodaidh ceannach stuic airson a’ chiad uair a bhith di-mhisneachail. Tha an earrann mu chaoraich air làrach-lìn FAS a’ còmhdach cuid de na prìomh thaobhan de bhith a’ cumail chaorach, a’ rangachadh bho bhreith uan gu slàinte, agus clàradh. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu làrach-lìn FAS, cliogaibh air a’ cheangal Sheep resources for farmers from Farm Advisory Service (fas.scot)

Crodh

Tha feum aig crodh, ’s iad nas motha na caoraich, air barrachd inbheistidh ann an uidheamachd an toiseach, agus a rèir a’ ghnè ag iarraidh barrachd riaghlaidh gnìomhach. Tha bhidiothan air sianal YouTube aig Seirbheis Comhairleachaidh Tuathanais na h-Alba a tha a’ còmhdach mòran taobhan de bhith a’ cumail chruidh agus chaidh an cruthachadh do chroitearan. Gus na bhidiothan sin fhaicinn, cliogaibh air a’ cheangal Scotland's Farm Advisory Service - YouTube 

Gheibhear fiosrachadh mu Sgeama Leasachaidh Crodh Croitearachd (Sgeama Tairbh air Màl), a thuilleadh air mòran taobhan eile de bhith a’ cumail chruidh, le cliogadh air a’ cheangal seo Cattle resources for farmers from Farm Advisory Service | FAS

Mucan

Tha luchd-gleidhidh beag-sgèile mhucan a’ riochdachadh co-chuid bheag den roinn, a thaobh  bheathaichean air an àrach, ach tha iad cunntachail airson co-chuid mhòr den àireamh de bhuilichearan a tha an sàs, le 72% de bhuilichearan aig a bheil mucan crìochnachaidh, a’ cumail nas lugha na 10 mucan. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu chumail mhucan le cliogadh air a’ cheangal an seo Pig resources for farmers from Farm Advisory Service (fas.scot)

Stoc is Clàradh  

Is e ScotEID am prìomh bhuidheann tracaidh is clàraidh stuic ann an Alba. Tha ScotEID ag obair gu dlùth le roinn stuic na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba gus fuasglaidhean a dhealbhadh, a leasachadh agus a lìbhrigeadh, gus a dhèanamh cinnteach à tracadh làidir agus duilgheadasan reachdail a lasachadh.

Airson tuilleadh fhaighinn a-mach, cliogaibh air a’ cheangal: Home | ScotEID

Pàighidhean is Seirbheisean Dùthchail

Gus Àireamh Clàraidh Gnothachais (BRN) fhaotainn, a dh’fheumar mus bi cead air stoc a chumail, cliogaibh air a’ cheangal: Rural Payment & Services

Beachlannaireachd

Is e cur-seachad agus iomairt air a bheil meas a’ sìor fhàs ann an Alba a th’ ann am beachlannaireachd, le timcheall air 2,000 beachlannair a’ cumail sheilleanan mar chur-seachad. Bidh beachlannairean cur-seachad gu h-àbhaisteach ag obrachadh eadar aon no dusan taigh-sheillean. Tha mu 25 tuathanach sheillean coimearsalta agus 50 leth-choimearsalta ann an Alba, a bhios a’ ruith suas ri grunn cheudan de thaighean-seillean. Tha ùidh ann am beachlannaireachd, a thaobh poileanachaidh, a’ faighinn barrachd aithne agus cudromachd airson cleachdadh fearainn ann an Alba. Airson tuilleadh fiosrachaidh, cliogaibh air a’ cheangal: Managed pollinators such as honey bees | Helping farmers in Scotland | Farm Advisory Service (fas.scot)

Eunlaith/Cearcan

Is e roinn eadar-mheasgte ach àrd-amalaichte a th’ ann an toradh eunlaith, a dh’fhaodas a sgoltadh ann an dà phàirt, breith (toradh uighean chearcan) agus broillearan (toradh feòla). Ach, tha stoc eile leithid tunnagan, geòidh agus cearcan-Frangach air an gabhail a-steach don roinn eunlaith cuideachd. Airson tuilleadh fiosrachaidh mionaideach mu chumail eunlaith, cliogaibh air a’ cheangal: Poultry | Helping farmers in Scotland | Farm Advisory Service (fas.scot)

Bàrr is Tuathanachas-gàrraidh

Bidh am bàrr a ghabhas a thoradh gu soirbheachail a rèir càileachd agus co-dhèanamh na h-ùireach. Gheibhear barrachd mion-fhiosrachaidh mun seo le cliogadh air a’ cheangal: Crops and soils | Helping farmers in Scotland | Farm Advisory Service (fas.scot)

Maoineachadh

A thuilleadh air an obair an lùib cuid de na gnìomhachdan croitearachd traidiseanta, bu chòir dhut smaoineachadh cuideachd air a’ mhaoineachadh agus na pàighidhean a tha rim faotainn. Tha iad sin air an stiùireadh ’s air an riarachadh le Seirbheisean is Pàighidhean Dùthchail Riaghaltas na h-Alba, tha àireamh de sgeamaichean rim faotainn do chroitearan gus an cuideachadh le taic a chur ri raon de ghnìomhachdan croitearachd. Airson tuilleadh mion-fhiosrachaidh, tadhailibh air làrach-lìn SCRPS le cliogadh air a’ cheangal: Schemes by customer (ruralpayments.org) Gus fios a chur gu d’ oifis ionadail, lean an ceangal: Contact us (ruralpayments.org)

Eugsamhlachadh Ghnìomhachdan Croitearachd  

Tha eugsamhlachadh air croitearachd thraidiseanta ag amas air teachd-a-steach a bharrachd a ghineadh don chroit. Faodaidh beachdan eugsamhlachaidh a bhith a rèir meud agus an t-àite sa bheil a’ chroit. 

Tha croitearachd a’ leantainn air adhart a’ coileanadh pàirt chudromach ann an stèidheachadh agus cumail suas àireamhan sluaigh ann an coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, agus comasach air leasachadh nas fheàrr far a bheil cothrom aig a’ choimhearsnachd agus an sgìre fharsaing air fàs agus soirbheachadh. Tha fàs àireamhan sluaigh agus meudachadh ìrean teachd-a-steach gu h-àraid cudromach do ar coimhearsnachdan iomallach.

Tar-roinn de bheachd-smuaintean air eugsamhlachadh croite:  

  • fàs mheasan is glasraich 
  • toradh feòil mart, feòil uain, feòil muice agus sitheann fèidh
  • biadh is deoch – cafaidhean, aonadan toirt air falbh bìdh, toradh bìdh
  • turasachd – taighean aoigheachd, B&Ban,  
  • turasachd àiteachais – podan, wigwaman agus làraichean-campachaidh, le cothrom air gnìomhachdan croitearachd
  • obair-ciùird a’ cleachdadh stuthan air an gineadh bho chroitearachd m.e. toradh clòimhe is snàth; craicinn chaorach
  • cumhachd ath-nuadhachail
  • fearann coillteach 

Bidh Caidreachas Croitearachd na h-Alba gu tric a’ cumail chùrsaichean trèanaidh agus seiminearan mu eugsamhlachaidhean chroitean, far am bi daoine a’ co-roinn an sgeulachdan bho air feadh nan sgìrean croitearachd. Bidh an SCF cuideachd a’ cumail sheiseanan trèanaidh cunbhalach mu gach taobh de chroitearachd bho “clòimh mar fhrith-bhathar” gu “turasachd àiteachais”. Airson tuilleadh fiosrachaidh agus ballrachd, tadhailibh air an làraich-lìn aca le cliogadh air a’ cheangal: Crofting Home - Scottish Crofting Federation

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.