Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Di-chroiteadh

Tha di-chroiteadh a' ciallachadh fearann a bhith air a ghluasad bho ghabhaltas fearainn.

Feumaidh uachdaran croite air a bheil neach-gabhail agus a tha airson fearann a ghluasad bho ghabhaltas croitearachd, tagradh a dhèanamh gu Cùirt an Fhearainn ann an Alba. Canar ath-thòiseachadh ris an seo agus tha aon aon bhuaidh aige ri di-chroiteadh.

THOIRIBH AN AIRE: Ann an tagradh sam bith a thaobh ruigheachd no a' toirt buaidh air ruigheachd don chroit, feumaidh solar mu choinneamh ruigheachd iomchaidh charbadan a bhith air a chomharrachadh gu soilleir air planaichean a chuirear a-steach còmhla ris an tagradh. Feuch gun gabh sibh tìde a' beachdachadh air cùisean gu cùramach a thaobh ruigheachd air a' chroit mus cuir sibh an tagradh a-steach thugainn. Dh'fhaodadh seo cuideachadh le dàil a sheachnadh aig àm làimhseachaidh na cùise. Gus cunntas a ghabhail air carbadan is uidheam nuadh-aimsireil, bu chòir do ruigheachd air a' chroit a bhith 4 meatairean de leud aig a' char as lugha. 

Delegated Decision Making Parameters

CROFT HOUSE SITE AND GARDEN GROUND

Decrofting house site and garden ground by a landlord or tenant - Sections 24 and 25(1)(b) of the Crofters (Scotland) Act 1993.

Decrofting house site and garden ground by an owner-occupier crofter - Sections 24A and 25(1)(b) of the Crofters (Scotland) Act 1993.

An deach am foirm tagraidh ceart a chleachdadh?

  •  Gus a ghiullachd mar làrach taighe reachdail, feumaidh an structar a bhith dìonach bho ghaoth agus uisge, agus
  •  chan fhaod an tagraiche a bhith air làrach taighe a dhi-chroiteadh roimhe fo sholaran Earrann 25(1)(b) a thaobh na croite seo.

Mas e "Cha deach" a thaobh na dhà, feumar dèiligeadh ris an tagradh mar a bhith di-chroiteadh pàirt croite.

Tillidh sinn an tagradh agus comhairlichidh sinn gum feumar tagradh di-chroitidh pàirt croite a chur a-steach.

Faodar aonta dìreach a dhèanamh:

  •  Ma tha meud an raoin do bheilear a’ tagradh nas lugha na 0.2 ha.
  •  Mura h-eil togalaichean sam bith eile san raon a tha / dh’fhaodadh a bhith air an cleachdadh mar thogalaichean àiteachais.
  •  Mura h-eil draghan sam bith an làthair a thaobh ruigsinneachd air a’ chòrr den chroit.
  •  Mura h-eil tagraidhean àicheil air an cur a-steach.

Ma tha aon sam bith de na cumhachan sin nach eil air an coileanadh, thèid an tagradh a theinneachadh.

PÀIRT CROITE

Di-chroiteadh Pàirt Croite le uachdaran no neach-gabhail - Earrann 24(3) agus 25(1)(a)

Di-chroiteadh Pàirt Croite le croitear seilbhe - Earrann 24A agus 25(1)(a) de Achd nan Croitearan (Alba) 1993.

Faodar aonta dìreach a dhèanamh:

  •  Ma tha an t-adhbhar do bheilear a’ tagradh na adhbhar reusanta.
  •  Ma tha an raon co-cheangailte ri taigh còmhnaidh no ri raon ghoireasan agus nas lugha na 0.2 (ha)
  •  Mura h-eil togalaichean sam bith eile san raon a tha / dh’fhaodadh a bhith air an cleachdadh mar thogalaichean àiteachais.
  •  Mura h-eil draghan sam bith an làthair a thaobh ruigsinneachd air a’ chòrr den chroit.
  •  Mura h-eil tagraidhean àicheil air an cur a-steach.
  •  Mura h-eil iarrtas air nochdadh airson a’ ghabhaltais.
  •  Mura h-eil barrachd air 2 iarrtas di-chroitidh air an sgaoileadh a thaobh na croite seo sna 5 bliadhna mu dheireadh.
  •  Mura h-eil an Coimisean air planadh airson an leasachaidh a tha molta, a dhiùltadh roimhe.

Ma tha aon sam bith de na cumhachan sin nach eil air an coileanadh, thèid an tagradh a theinneachadh.

Di-chroiteadh Croit Slàn - Earrannan 24 agus 24A de Achd nan Croitearan (Alba) 1993.

Chan eil na crìochan seo gan cur an sàs ach a-mhàin far a bheil e co-cheangailte ri làrach bheag a bharrachd, a’ gabhail a-steach làrach taighe. Thèid tagraidhean di-chroitidh uile air croit slàn a tha nas motha na 0.20(ha) a theinneachadh.

Faodar aonta dìreach a dhèanamh:

  •  Ma tha an fharsaingeachd nas lugha na 0.2 (ha)
  •  Mura bi droch bhuaidh aig di-chroiteadh an raon tagraidh air ùidhean na coimhearsnachd croitearachd.
  •  Mura h-eil togalaichean sam bith eile san raon a tha / dh’fhaodadh a bhith air an cleachdadh mar thogalaichean àiteachais.
  •  Mura h-eil tagraidhean àicheil air an cur a-steach.
  •  Mura h-eil iarrtas air nochdadh airson a’ ghabhaltais.

Ma tha aon sam bith de na cumhachan sin nach eil air an coileanadh, thèid an tagradh a theinneachadh.

Feuch gun dèan sibh cinnteach gun cuir sibh a-steach ur foirm Tagradh Clàraidh bho Chlàran na h-Alba (RoS) còmhla ris an tagradh agaibh, ma bhios feum air. 

© Crofting Commission 2022Site MapSite by Plexus.