Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Taigh Croite

Tabhartas Taigh Croite

Mar aon de thrì dleastanasan croiteir a bhith gu h-àbhaisteach a’ còmhnaidh air, no taobh a-staigh 32 cilemeatair den chroit aca, tha taigheadas deatamach do chroitearan. Tha còir aig croitear air croit lom (croit gun taigh freagarrach air mar-thà) taigh a thogail air a’ chroit aca, le ùmhlachd do chead planaidh. Tha croitearachd na pàirt chudromaich a thaobh tuineachaidhean sluaigh air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan, a’ cumadh bhailtean-fearainn is coimhearsnachdan ann am mòran de sgìrean dùthchail.  

Riaghaltas na h-Alba: Tabhartas Taigh Croite

Tha Sgeama ‘Tabhartas Taigh Croite’ aig Riaghaltas na h-Alba airson taighean ùra a thogail le croitearan agus ìrean taigheadais chroitearan a leasachadh agus a chumail suas, ag amas air daoine a tharraing agus a ghleidheadh taobh a-staigh sgìrean croitearachd.

Tha dà sheòrsa cuideachaidh ri fhaotainn; tabhartas airson taigh ùr, agus tabhartas airson ath-thogail agus leasachadh. A rèir an t-suidheachaidh, faodaidh na tabhartasan sin a bhith suas gu £38,000 aig an ìre as àirde.

Airson Làn Stiùiridh Sgeama, theirigibh gu làrach-lìn Seirbheisean is Pàighidhean Dùthchail Riaghaltas na h-Alba. Gus faighinn don làrach-lìn air-loidhne, cliogaibh air a’ cheangal: Croft House Grant (ruralpayments.org)

Airson conaltradh ris an oifis ionadail agaibh, theirigibh gun earrann ‘Cuiribh Fios’, sa bheil liosta de na h-Oifisean Sgìreil uile air feadh Alba. Cliogaibh air a’ cheangal Contact us (ruralpayments.org)

Thoiribh an aire nach àbhaist do luchd-iasaid morgaidsean a thabhann airson togalaichean a tha ann an gabhaltas croitearachd.   

Tùsan fiosrachaidh eile, stiùireadh agus maoineachadh:

Tha buidhnean eile ann a bheir seachd fiosrachadh, stiùireadh agus taic maoineachaidh do dhachaighean ann an Alba.

Riaghaltas na h-Alba: Fèin-thogail air Dachaigh

Gus fiosrachadh fhaotainn air Fèin-thogail Dachaigh, cliogaibh air a’ cheangal Self-building a home - mygov.scot

Cumhachd Dachaigh Alba

Bidh Cumhachd Dachaigh Alba a’ cuideachadh dhaoine ann an Alba gu dachaighean nas blàithe a chruthachadh, an cunntasan cumhachd a lùghdachadh agus an lorg càrboin ìsleachadh.

Tha lìonra aig Cumhachd Dachaigh Alba de dh’ionadan roinneil a’ còmhdach Alba air fad, a tha a’ tabhann fiosrachadh ionadail agus comhairle ealanta mu raon de chuspairean, a’ gabhail a-steach ‘sàbhaladh cumhachd agus cumail blàth san dachaigh’. Tha fiosrachadh ri fhaotainn mu roghainnean maoineachaidh, a’ gabhail a-steach tabhartasan agus iasadan saor bho riadh aig Riaghaltas na h-Alba.

Gus faighinn a-mach mun fhiosrachadh a tha ri fhaotainn, cliogaibh air a’ cheangal Home - Home Energy Scotland

Urras Sàbhalaidh Cumhachd Alba

‘Tha sinn airson ur cuideachadh le airgead a shàbhaladh air cunntasan, aig an aon àm ri lùghdachadh air ur lorg càrboin. Mar sin, eadar gu bheil sin a’ ciallachadh a bhith nas èifeachdaich a thaobh cumhachd, gineadh ur cumhachd ath-nuadhachail fhèin, atharrachadh gu tàille uaine no còmhdachadh ur dachaigh gus an teas a chumail a-staigh, tha comhairle agus fiosrachadh againn a bhios na chuideachadh.’

Gus tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn air an làrach-lin, cliogaibh air a’ cheangal Home - Energy Saving Trust

Comhairle Shaoranaich na h-Alba

Tha Loidhne-taic 0800 028 1456 Comhairle Shaoranaich na h-Alba a’ tabhann comhairle choitcheann, aon-ri-aon agus neo-pàirteach, an-asgaidh mu dhìth cosnaidh, taigheadas, fiachan, sochairean agus cùisean luchd-caitheamh leithid cunntasan cumhachd, a thuilleadh air mòran chuspairean eile.

Fosgailte Diluain – Dihaoine 9m gu 5f. Gus faighinn gu làrach-lìn CAS, cliogaibh air a’ cheangal Home repairs, improvements and adaptations - Citizens Advice Scotland

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.