Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Roinneadh

Is e roinneadh a chleachdar nuair a tha cuideigin le earrann ann an ionaltradh coitcheann ag iarraidh pàirt den ionaltradh choitcheann a ghabhail airson am feum fhèin a-mhàin. 

Ma tha sibh an dùil am fearann a chleachdadh airson leasachaidh togail a dh'fheumas cead planaidh, feumaidh sibh lethbhreac den chead planaidh agaibh a chur thugainn, no co-dhiù ur n-àireamh-bratha, còmhla ris an tagradh agaibh. 

Thoir an aire: dh’ath-sgrùd sinn ar modhan-obrach airson tagradh roinnidh fa leth ann am fearann ionaltraidh sa Chèitean 2017.

 Ma tha thu an dùil fearann ionaltraidh a chleachdadh airson adhbhar eile seach àiteach (me, airson pròiseact lùtha ath-nuadhachail), feumaidh a’ Chomataidh Ionaltraidh tagradh a dhèanamh fo earrann 50B de Achd nan Croitearan (Alba) 1993. 

Mar an ceudna, ma bhios tu den bheachd am fearainn ionaltraidh a chleachdadh mar fhearann coillteach/coilltearachd, feumaidh a’ Chomataidh Ionaltraidh tagradh a dhèanamh fo earrann 50 de Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Ach, ma tha am fearann coillteach/coilltearachd gu bhith airson d’ fheum fhèin a-mhàin mar chroitear, faodaidh tu tagradh roinnidh fa leth a dhèanamh fhathast airson an adhbhair seo.

Feuch gun dèan sibh cinnteach gun cuir sibh ur foirm Tagradh Clàraidh a-steach gu Clàran na h-Alba (RoS) còmhla ris an tagradh agaibh, ma bhios feum air. 

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.