An Cunntas Croitearachd
Tha aig Coimisean na Croitearachd ri fios a thoirt do chroitearan gu foillseachadh bliadhnail a dhèanamh air na croite aca tron Chunntas Croitearachd. Is e dleastanas reachdail a tha seo a chaidh a chur an gnìomh mar phàirt den Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2010.
Tha e air iarraidh air croitearan fiosrachadh a sholarachadh a thaobh mar a tha iad a' gèilleadh do an dleastanasan. Tha seo a' cuideachadh le dealbh shoilleir a stèidheachadh mu staid làithreach croitearachd, agus a' comasachadh don Choimisean bunait fianais a thogail airson luach croitearachd. Leis an fhiosrachadh a gheibhear, bidh cothrom nas fheàrr aig a' Choimisean cùisean a thuigsinn agus a thogail a bhios mu choinneamh croitearachd san àm ri teachd.
Faodaidh croitearan cur ri an croitean agus an coimhearsnachdan airson an ama ri teachd, le bhith:
Dè na dleastanasan a tha aig croitear?
Tha Coimisean na Croitearachd ri làimh airson taic is comhairle a thoirt do chroitearan a thaobh nan diofar roghainnean a tha fosgailte dhaibh gus gèilleadh do an dleastanasan.
Luchdaichibh sìos bileag Cunntais Croitearachd agus faicibh Dleastanasan Chroitearan airson tuilleadh fiosrachaidh.
Feumaidh na croitearan uile a bhith air am foirmean cunntais 2020 a lìonadh agus a thilleadh ro 31 Màrt 2021. Ma bhios ceistean sam bith agaibh, feuch gum fòn sibh no cuiribh post-d agus nì sinn gach oidhirp airson ur cuideachadh. Post-d: census@crofting.gov.scot