Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Giullachd chothromach – Mar a bhios Coimisean na Croitearachd a’ cleachdadh ’s a’ dìon dàta.

Cò sinn

Is e Coimisean na Croitearachd an t-ùghdarras poblach air a bheil dleastanas a thaobh riaghladh agus adhartachadh chùisean croitearachd fo Achd nan Croitearan (Alba) 1993. San dreuchd seo, tha againn ri fiosrachadh sam bith an lùib dàta pearsanta a ghiullachd fo chumhachan is chùmhnantan lagh Dìon Dàta agus Riaghladh Dìon Dàta Coitcheann an UK. Is e buidheann poblach neo-roinneil de Riaghaltas na h-Alba a th’ annainn, le luchd-obrach stèidhichte ann an Inbhir Nis agus Bòrd-stiùiridh de 9 Coimiseanairean, air an tarraing bho mu chuairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an Alba. Tha am buidheann umhail do chuingean fo Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002.

Tha Oifigear Dìon Dàta againn ris am faodar conaltradh air post-d aig DataProtection@crofting.gov.scot no tron phost aig Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis, IV3 8NW.

Do chòraichean

Tha a’ mhòr-chuid den dàta phearsanta a tha sinn a’ giullachd mar fhiosrachadh a tha riatanach a thoirt dhuinn, gus an urrainn dhuinn a chlàradh gu bheil thu a’ gèilleadh dod dhleastanasan fo Achd nan Croitearan (Alba) 1993 no gus an urrainn dhuinn tagraidhean riaghlaidh bhuat a ghiullachd airson nì co-cheangailte ri croit no fearann ionaltraidh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun t-seòrsa seo de ghiullachd air do dhàta phearsanta, theirig chun a’ phoileasaidh seo tagraidhean riaghlaidh agus an cunntas croitearachd.

Tha dleastanas laghail oirnn sùim cuibhrichte de dhàta pearsanta a thional bhuat airson nan adhbharan sin. Tha am fiosrachadh seo riatanach gus ar n-obrachaidhean reachdail a choileanadh, a’ gabhail a-steach giullachd air tagraidhean no fiosan riaghlaidh, tagradh clàraidh air croit, cunntas chroitean/fios tillidhean bliadhnail, gnìomh a thaobh briseadh air dleastanas(an) croitearachd a rannsachadh no a sparradh, agus mòran eile de ghnìomhachdan riaghlaidh.

Fo lagh dìon dàta, tha a’ chòir agad do dhàta pearsanta fhèin inntrigeadh. Faodaidh tu fios a chur thugainn agus Iarrtas Inntrigidh Cuspair a dhèanamh. Chan eil cosgais an lùib seo, agus bidh sinn comasach gu h-àbhaisteach am fiosrachadh a thoirt seachad taobh a-staigh mìos.

Faodaidh tu cuideachd iarraidh oirnn dàta pearsanta a th’ againn mud dheidhinn a cheartachadh, ma tha thu den bheachd nach eil e mionaideach. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh gun tàinig atharrachadh san t-suidheachadh agad on àm mu dheireadh a bha thu a’ conaltradh rinn.

Ann an suidheachaidhean sònraichte, dh’fhaodadh gum biodh còir agad cuideachd iarraidh oirnn dàta pearsanta a th’ againn mud dheidhinn a dhubhadh às, no cuibhreachadh a chur air a chleachdadh.  Ma tha sinn air do chead iarraidh gus an dàta pearsanta agad a chleachdadh, faodar seo a tharraing às aig àm sam bith le innse dhuinn ann an sgrìobhadh.  

Ma tha thu mì-thoilichte mun dòigh sa bheil sinn a’ cleachdadh do dhàta phearsanta, tha a’ chòir agad gearan dhuinn, le fios a chur gu an Oifigear Dìon Dàta. A thuilleadh air an sin, faodaidh tu gearan don Choimiseanair Fiosrachaidh air post-d aig scotland@ico.org.uk no tron phost aig 45 Sràid Melville, Dùn Èideann EH3 7HL.

Mar a bhios sinn a’ tional fiosrachadh pearsanta

Tha a’ mhòr-chuid den fhiosrachadh phearsanta a th’ againn a’ tighinn dìreach bhuat fhèin, bhon Chunntas Croitearachd, mar eisimpleir. Bidh fiosrachadh air a thional dìreach nuair a lìonas tu tagradh no fios cuideachd, agus nuair a chlàras tu croit.   Bidh sinn a’ cleachdadh companaidh bhon taobh a-muigh airson an Cunntas Croitearachd a sgaoileadh, agus lethbhreacan pàipeir de na Tillidhean fhaighinn air ais.

Mar thoradh air cothrom don oifis againn a bhith cuingichte, tha litrichean gu agus bhon bhuidheann againn gan làimhseachadh an-dràsta le cunnradair bhon taobh a-muigh. Tha seo ga dhèanamh a’ cumail gu teann ri riaghailtean Dìon Dàta.

Tha mòran den fhiosrachadh a bheir thu dhuinn air a chleachdadh airson Clàr Chroitean Coimisean na Croitearachd a chumail cho ùraichte ’s a ghabhas.

Tha sinn fo uallach tro Achd nan Croitearan (Alba) 1993 Clàr Chroitean a dhèanamh agus a chumail suas, anns a bheil fiosrachadh a tha ri fhaotainn leis a’ phoball. Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Chlàr Choitean, faic ar ROC Air-loidhne.

Uaireannan, ann an giullachd thagradh riaghlaidh, dh’fhaodadh gum faigh sinn dàta co-cheangailte ris an tagradh bho stòran eile, mar uachdaran croite no RPID (Roinn nam Pàighidhean Dùthchail is Sgrùdaidhean).

An-dràsta ’s a-rithist cuiridh treas phàrtaidh fios thugainn, leithid croitear eile no comataidh ionaltraidh, le fiosrachadh a tha a’ comharrachadh cuideigin. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh gun tèid iarraidh oirnn Briseadh Dleastanais fo amharas a sgrùdadh. Ann an suidheachaidhean mar sin, cha chùm sinn ach an dàta pearsanta air a bheil feum againn ma tha sinn an dùil sgrùdadh a dhèanamh, agus fiosraichidh sinn an neach a chaidh a chomharrachadh ag innse dhaibh dè an dàta pearsanta a th’ againn. Mura h-eil adhbhar ann sgrùdadh a choileanadh, thèid an dàta a dhubhadh às na faidhlichean is siostaman againn.

Dè am fiosrachadh pearsanta a bhios sinn a’ giullachd

Tha fiosrachadh pearsanta a bhios an Coimisean a’ giullachd ann an co-cheangal ri ar seirbheisean, mas iomchaidh, a’ gabhail a-steach:

Fiosrachadh pearsanta is conaltraidh – leithid tiotal, làn ainm, ainm ròghnaichte agus fiosrachadh conaltraidh.  

Do cheann-latha breith agus/no aois  

Clàran ded luchd-conaltraidh againne – leithid tro phost-d, litir, foirmean tagraidh no foirmean bratha.

Fiosrachadh a fhuair sinn bho threas phàrtaidhean - leithid RPID, Comataidhean Ionaltraidh, uachdaran agus buill den choimhearsbachd chroitearachd ionadail.

Mar a chleachdas sinn fiosrachadh pearsanta  

Bidh sinn a’ cleachdadh an dàta pearsanta a tha thu a’ toirt seachad gus ceadachadh dhuinn an Clàr Chroitean a chumail suas agus clàradh gu bheil thu a’ gèilleadh dod dhleastanasan mar chroitear fo Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Ma dh’fhiosraicheas tu dhuinn nach eil e comasach dhut gèilleadh dod dhleastanasan gu làithreach, cleachdaidh sinn am fiosrachadh seo airson fios a chur thugad.

Bidh sinn cuideachd a’ cleachdadh an fhiosrachaidh phearsanta a tha thu a’ solarachadh dhuinn gus ar cuideachadh gu tagradh riaghlaidh sam bith a chuireas tu thugainn a ghiullachd, agus fios sam bith a thaobh Briseadh Dleastanais san amharc a sgrùdadh, agus diofar ghnìomhachdan riaghlaidh eile.

Faodaidh tu fiosrachadh pearsanta a thoirt dhuinn mar phàirt den phròiseas Clàraidh Chroitean agus bidh sinn a’ sgrùdadh an fhiosrachaidh an aghaidh Clàr Chroitean a’ Choimisein mus cuirear e air adhart gu Clàran na h-Alba (RoS).

Cha bhi sinn a’ coileanadh pròifileadh fèin-ghluasaid air an fhiosrachadh a tha thu a’ riarachadh dhuinn.

Roinn agus tar-aiseag air fiosrachadh pearsanta

Cha toir sinn am fiosrachadh pearsanta agad do threas phàrtaidh airson adhbharan margaideachd aig àm sam bith.

Tha foirm Cunntas Croitearachd a chuirear a-mach gach bliadhna air a giullachd le companaidh Albannach a tha fo chunnradh againn. Tha an cunnradh air a sgrùdadh gus dèanamh cinnteach gu bheil e a’ gèilleadh do na laghan dìon dàta làithreach uile.

Tha a’ chiad ìre den phròiseas Clàraidh Croite air a choileanadh le Coimisean na Croitearachd mus cuirear e gu Glèidheadair Chlàran na h-Alba.  Tha aig a’ Choimisean ri seo a dhèanamh mar a tha mìnichte anns an Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2010. Tha an dàta buntainneach an uair sin air a chur air adhart gu RoS.

Ma chuireas tu fios thugainn le dàta pearsanta mar phàirt de thagradh riaghlaidh no fios, dh’fhaodadh gum feum sinn am fiosrachadh seo a roinn gus am pròiseas a chrìochnachadh. Chan eil sinn a’ cumail ach am fiosrachadh pearsanta a dh’fheumas sinn airson an adhbhair aithrisichte, agus dubhaidh sinn às no tillidh sinn nì sam bith a gheibh sinn nach eil riatanach dhuinn. Airson tuilleadh fiosrachaidh mun seo, faic ar poileasaidh prìobhaideachd tagraidhean riaghlaidh agus an cunntas croitearachd.

Far a bheil sinn a’ giullachd tagradh riaghlaidh no a’ sgrùdadh Briseadh Dleastanais/Dhleastanasan fo amharas, dh’fhaodadh gun roinn sinn dàta pearsanta le Buidheann-stiùiridh Sgrùdaidhean Dùthchail Riaghaltas na h-Alba, a bhios a’ coileanadh aithisgean às ar leth. Ma thachras gun iarr sinn aithisg bho bhuidheann no companaidh eile,  cuiridh sinn fios gu neach sam bith le dàta pearsanta a tha sinn an dùil a roinn.

Dh’fhaodadh gun roinn sinn dàta pearsanta cuideachd le Oifis a’ Chrùin agus Seirbheis Neach-casaid a’ Chrùin, mar eisimpleir far a bheil neach ciontach de dh’eucoir a thaobh fàillingeadh air an fhiosrachadh riatanach a thoirt seachad anns a’ fhios/chunntas croitearachd bhliadhnail.  Dh’fhaodadh gum bi againn cuideachd ri dàta pearsanta a roinn leis an uachdaran agus/no sealbhadair na croite no an fhearainn ionaltraidh.

Mar eisimpleir, anns a’ mhòr-chuid de thagraidhean croitearachd, tha againn tro reachdas ri tagraidhean agus stiùireadh sam bith a shanasachadh sa phàipear-naidheachd ionadail.  Dh’fhaodadh gun roinn sinn dàta pearsanta sònraichte co-cheangailte ri tagraidhean riaghlaidh le luchd-gearain sam bith, leis an uachdaran agus (far a bheil e buntainneach) leis a’ chomataidh ionaltraidh gus an urrainn dhuinn ùidhean na coimhearsnachd croitearachd a mheasadh (mar a dh’fheumas sinn) agus ùidhean na h-oighreachd.  

Dh’fhaodadh e a bhith riatanach do Choimisean na Croitearachd fo bhunait laghail ‘Obair Phoblach’, dàta pearsanta a roinn le roinn Àiteachais is Eaconamaidh Dùthchail Riaghaltas na h-Alba a thaobh Litrichean Ministreil, Iarrtasan Saorsa Fiosrachaidh, Gearanan agus Cùisean Iom-fhillte.  Dheigheadh seo a roinn mar a bhios riatanach, gu h-àbhaisteach tro  mhodh eileagtronaigeach.

A thuilleadh air an seo, dh’fhaodadh dàta pearsanta a bhith air a roinn le Cùirt an Fhearainn ann an Alba. Faodaidh dàta air a roinn le Cùirt an Fhearainn ann an Alba a bhith air a dhèanamh suas de lethbhreacan de stiùiridhean di-chroitidh, òrdughan roinnidh agus planaichean co-cheangailte, anns am faodadh fiosrachadh pearsanta a bhith (ainmean is seòlaidhean); foirmean tagraidh le ainmean is seòlaidhean agus fiosrachadh mu chuspair an tagraidh; agus fiosrachadh eachdraidheil mu chùisean, le ainmean is seòlaidhean agus fiosrachadh mu chuspair na cùise. Tha dàta ga roinn le Cùirt an Fhearainn ann an Alba mar a bhios riatanach, gus a dhèanamh comasach dhaibh gèilleadh do dh’òrdugh na Cùirte no an cuideachadh le giullachd thagraidhean co-cheangailte ri croitearachd.

Tha a’ ghiullachd seo “riatanach airson obair a choileanadh a tha ann an ùidh a’ phobaill no ann an coileanadh ùghdarrais oifigeil air a thoirt don rianadair” a rèir Artaigil 6(1)(e) den GDPR. Chan eil dàta de sheòrsa speisealta air a roinn mar phàirt den phròiseas seo.

Gleidheadh d’ fhiosrachadh pearsanta

Bidh sinn a’ gleidheadh d’ fhiosrachadh dìreach cho fada ’s a tha feum air airson giullachd bhuntainneach a chrìochnachadh. Bidh seo diofraichte a rèir na seòrsa giullachd. Bidh sinn a’ cleachdadh siostam eileagtronaigeach gus mòran den dàta a gheibh sinn a ghiullachd (Siostam Fiosrachaidh Croitearachd). Tha seo air a riaghladh le luchd-obrach a’ Choimisein.  Tha sinn cuideachd a’ stòradh fhaidhlichean pàipeir dhen làraich tron chunnradh, le tèarainteachd iomchaidh agus ceumannan dìon dàta na lùib.

Chan eil sinn a’ ceadachadh cothrom gun ùghdarras air dàta pearsanta. Tha an luchd-obrach againn uile air an trèanadh gus am bi fios aca mar a chumas iad an dàta agad sàbhailte.

Ar làrach-lìn

Tha Coimisean na Croitearachd a’ dèanamh gach oidhirp reusanta air an fhiosrachadh air an làrach-lìn seo a chumail ùr. Chan eil e a’ dèanamh taisbeanadh sam bith a thaobh mionaideachd no iomlanachd agus chan eil am fiosrachadh a’ dèanamh suas comhairle laghail no proifeiseanta nas mò.    

Chan eil Coimisean na Croitearachd, a sholaraichean no pàrtaidh sam bith eile an sàs ann an cruthachadh susbaint na làraich-lìn seo, buailteach do chall sam bith a dh’èireas à cleachdadh air an làrach-lìn seo. Tha an làrach-lìn seo ann an còir-glèidhte © Coimisean na Croitearachd.  

Mar a tha seo a’ bualadh air an làrach-lìn againn  

Faodaidh tu an làrach-lìn seo inntrigeadh gu h-iomlan gun dàta pearsanta sam bith a thoirt seachad.  

Cruinneachadh fiosrachaidh

Is e Coimisean na Croitearachd an t-aon sealbhadair a-mhàin air fiosrachadh a tha air a thional air an làrach-lìn againn www.crofting.scotland.gov.uk

Ceanglaichean

Tha ceanglaichean gu làraichean eile air an làrach-lìn seo. Chan eil Coimisean na Croitearachd an urra ri poileasaidhean prìobhaideachd no cleachdadh air na làraichean-lìn sin. Tha sinn ag iarraidh ort a bhith mothachail don uair a dh’fhàgas tu an làrach-lìn againn, agus aithrisean prìobhaideachd a leughadh mu gach làrach-lìn a tha a’ tional dàta pearsanta. Tha am poileasaidh prìobhaideachd seo co-cheangailte ris an làrach-lìn seo a-mhàin, www.crofting.scotland.gov.uk.

Cucaidhean

Faic an smachd Chucaidhean don làrach-lìn againn aig www.crofting.scotland.gov.uk/cookies

© Crofting Commission 2021Site MapSite by Plexus.