Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Coinnichibh ris na Coimiseanairean

Tha naoi Coimiseanairean a’ suidhe mar Bhòrd gus poileasaidhean a stèidheachadh agus co-dhùnadh air tagraidhean a tha toinnte. Bidh Coimiseanairean cuideachd a’ com-pàirteachadh ann an grunn bhuidhnean obrach poileasaidh bhon taobh a-staigh còmhla ri luchd-obrach  a’ Choimisein. Bidh na buidhnean sin a’ leasachadh dòigh smaoineachaidh air poileasaidh agus freagairtean do bhuidhnean com-pàirteachaidh a thaobh cho-chomhairlean a bhios a’ toirt  buaidh air croitearachd san àm ri teachd.

Chaidh triùir Choimiseanairean fhastadh le Ministearan na h-Alba agus chaidh sianar Choimiseanairean eile a thaghadh leis na croitearan.  Tha iad uile a’ faotainn taic bho Àrd-Oifigear agus Àrd-Sgioba Stiùiridh a’ Choimisein. Tha Coimiseanairean ag obair 4.5 làithean sa mhìos le tuarastal de £8,789 sa bhliadhna. Tha an Neach-gairm ag obair 8 làithean sa mhìos le tuarastal de £20,763 sa bhliadhna.

Tha gach ball den Choimisean fo bhuaidh sholaran  Còd Giùlain a’ Choimisein, air a sgaoileadh agus air aontachadh le Coimisean Inbhean na h-Alba. 

Tha Coimiseanairean a’ suidhe mar Bhòrd gus poileasaidhean a stèidheachadh agus co-dhùnadh air tagraidhean a tha toinnte.  Tha coinneamhan Bùird gan cumail gu h-àbhaisteach gach 6 seachdainean mar is trice.

 

 

 

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.