Fearann Ionaltraidh Riaghlaichte
Tha reachdas croitearachd a’ toirt cothrom do Chomataidhean Ionaltraidh na riaghailtean a th’ aca atharrachadh no riaghailtean ùra a chruthachadh airson cuideachadh le rianachd agus stiùireadh ceart air an Fhearann Ionaltraidh.
Tha Coimisean na Croitearachd air a bhith ag obair gu dlùth le luchd-ùidhe gus dreachd teamplaid ionaltraidh a chruthachadh, a tha air ath-sgrùdadh ’s air a shìmpleachadh a thaobh na tha air iarraidh taobh a-staigh Achd nan Croitearan (Alba) 1993.
Tha Coimisean na Croitearachd air an teamplaid seo aontachadh agus tha i a-nis ri faotainn airson Comataidhean Ionaltraidh a cur an gnìomh.
Ged nach eil e àithnteil do Chomataidhean an riaghailtean Ionaltraidh atharrachadh no gabhail ris an teamplaid ùir, mholadh an Coimisean do Chomataidhean coinneachadh gus ath-sgrùdadh agus deasbad a dhèanamh air na riaghailtean a tha aca gu làithreach, a dhearbhadh a bheil iad a’ coileanadh am feumalachdan.
Bu chòir do dh’atharrachaidhean sam bith no gabhail ri riaghailtean ionaltraidh ùr a bhith air an comharrachadh anns an teamplaid agus an uair sin air an cur a-steach chun a’ Choimisein, a nì sgrùdaidhean iomchaidh orra agus ceangal leis na Comataidhean gus a dhèanamh cinnteach gu bheil na h-atharrachaidhean no iarrtasan a thaobh suidheachaidhean ionadail, a rèir Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Bidh an Coimisean cuideachd a’ conaltradh le neach-seilbh an fhearainn ionaltraidh.
Ma tha ceistean sam bith agaibh a thaobh seo, feuch gun cuir sibh fios gu ar sgioba Ionaltraidh.
Post-d: grazings@crofting.gov.scot Fòn: 01463 663439.
Approved Applications:
If you are a crofter who has had an application approved by the Commission within the last 3 months