Tha an Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002 a' toirt còir dhuibh fiosrachadh iarraidh bhuainn agus e a thoirt dhuibh mura h-eil deagh adhbharan ann gun sin a dhèanamh.
Bu chòir iarrtasan FOI a chur ann an sgrìobhadh (a' gabhail a-steach post-d) agus an cur gu: Coimisean na Croitearachd, Taigh a' Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW no post-d gu: info@crofting.gov.scot agus cuiribh FOI sìos mar thiotal. Dèanaibh cinnteach gun solaraich sibh ur n-ainm, seòladh no seòladh puist-d airson litrichean, agus àireamh fòn ma ghabhas sin a dhèanamh.
Gheibh sibh a-mach tuilleadh mur còraichean agus cuideachadh airson fiosrachadh iarraidh fo FOI air làrach-lìn Coimiseanairean Fiosrachaidh na h-Alba.
Chan àbhaist dhuinn a bhith ag iarraidh cìs airson iarrtasan no solarachadh fiosrachaidh ach dh'fhaodadh gun iarr sinn cìs ma bhios cuideam neo-reusanta no cudromach air goireasan ionmhasail no daonna ar buidhne. Gheibh sibh fios ro-làimh mu chìs sam bith an lùib solarachadh fiosrachaidh.
Freagraidh sinn an t-iarrtas agaibh an taobh a-staigh 20 latha obrach. Ach ma tha iarrtas ioma-fhillte no ag iarraidh sùimean mòra fiosrachaidh, dh'fhaodadh nach bi e an-còmhnaidh comasach na cinn-ama sin a choileanadh. Far nach urrainn dhuin an t-iarrtas agaibh a fhreagairt an taobh a-staigh a' chinn-ama, innsidh sinn dhuibh carson agus gu bheil sinn ag obair air freagairt a sholarachadh dhuibh.
Ma tha sinn air an iarrtas agaibh a làimhseachadh fon Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002 agus gu bheil sibh mì-thoilichte leis an fhreagairt againn, innsibh dhuinn an taobh a-staigh 40 latha obrach agus coimheadar ris a-rithist. Bidh sinn ag amas air ar freagairt a thaobh an lèirmheas a sholarachadh an taobh a-staigh 20 latha obrach.
Ma bhios sibh fhathast mì-thoilichte leis an fhreagairt againn, tha còir agaibh an uair sin ath-thagradh gu Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba. Bu chòir dhuibh lethbhric de litrichean sam bith thugainn a chumail, oir ma cho-dhùineas sibh ath-thagradh gu Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba, thèid iad sin iarraidh oirbh.
Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba, Caisteal Cheann a' Bhùirn, Rathad Doubledykes, Cill Rìmhinn, Fìobha KY16 9DS.
Fòn: 01334 464610, www.itspublicknowledge.info
Sa chlàr gu h-ìosal, chithear an ceann-latha a fhuaireadh no an ceann-latha a chaidh freagairt a rèir inbhe an iarrtais. Gliogaibh air a' cheann-latha airson mion-fhiosrachadh.
Nam biodh sibh airson an làn fhreagairt fhaicinn a chuireadh a-mach mu aon sam bith de na cùisean air an liosta gu h-ìosal, cuiribh post-d gu info@crofting.gov.scot a' sealltainn na h-àireimh cùise bhuntainnich, nuair a nì sibh an t-iarrtas agaibh.
Case No | Request | Status | Response |
---|---|---|---|
135476 | Request for the croft files for 8 Durnamuck & 9 Durnamuck
|
Ongoing | 31/1/25 |
135477 | Request for the croft file for 24 Griminish
|
Ongoing | 31/1/25 |
135409 | Request for information relating to CC current Multi-Functional Devices and printing/scanning servic... |
Completed | 17/2/25 |
135411 | Request for the following information: 1. The data your organisation provided to the Scottish Gove... |
Completed | 31/1/25 |
135277 (EIR) | Request for all information relating to O0079 Crismo (farm) and O0659 Crismo (a field) |
Completed | 17/2/25 |
135244 | Request for information pertaining to the registration and apportionment applications at Peinchorran... |
Completed | 11/2/25 |
134821 (EIR) (CLARIFICATION ISSUED) | Request for all information pertaining to croft Rhudue (R2781)
|
Withdrawn | 24/12/24 |
134649 (EIR) | Request for all information pertaining to 5 Swainbost, Barvas and 6 & 7 Swainbost, Barvas |
Completed | 19/12/24 |
134651 | Request for information pertaining to Kilbrar or Scottarie CGs
|
Completed | 31/12/24 |
134621 | Request for confirmation of status of 11a Bentangaval
|
Completed | 13/12/24 |