English

Tagraidhean Riaghlaidh

Tha foirmean thagraidhean riaghlaidh agus nòtaichean stiùiridh mu choinneamh gach fuincsean riaghlaidh dha bheil Coimisean na Croitearachd cunntachail.

Tha aig croitearan ri tagraidhean riaghlaidh a chur a-steach gu Coimisean na Croitearachd airson atharrachaidhean a dhèanamh air a’ chroit aca. Feumaidh a’ mhòr-chuid de thagraidhean riaghlaidh a bhith air an sanasachadh gu poblach leis an tagraiche. Is iad an fheadhainn nach fheum, tagraidhean pàirt-croit agus di-chroiteadh làn-chroit, croitean ùra agus ionaltraidhean ùra a dh’fheumas a bhith air an sanasachadh le Coimisean na Croitearachd.

Tha an sanas airson comhairle a thoirt do dhaoine le ùidh anns an tagradh, mu an còir air ‘gearan’ a chur gu Coimisean na Croitearachd taobh a-staigh raon-ama shònraichte (gu h-àbhaisteach 28 latha). Chan eil an teirm ‘gearan’ co-cheangailte ris na fuincseanan riaghlaidh  uile ge-tà.

Faic Lagh, Poileasaidh is Modhan-obrach air Fiosrachadh Poblach agus an liosta againn de phàipearan-naidheachd aithnichte.  Thoiribh an aire, chan fheum tagraidhean riaghlaidh a bhith air an sanasachadh ach aon uair.

CLÀR CHROITEAN – FIOS CUDROMACH

Tha cuid de thagraidhean riaghlaidh a-nis a’ piobrachadh an riatanais òrdughail air do chroit a chlàradh le Gleidheadair Chlàran na h-Alba. Ann an cuid de chùisean, tha seo air dàil ann an giullachd thagraidhean adhbhrachadh. Chan urrainn dhuinn co-dhùnaidhean a dhèanamh air tagraidhean riaghlaidh gus am bi a’ chroit air a clàradh.

Tha sinn a’ tuigsinn gum bi dàil ag adhbhrachadh an-fhois le ar teachdaichean. Is e duilgheadasan leis na mapaichean a chuireadh a-steach leis an tagradh Riaghlaidh, aon phrìomh adhbhar airson dàil. Mholamaid dhuibh coimhead ris an stiùireadh a chaidh a sgaoileadh le Clàran Alba mun mhion-fhiosrachadh a tha air iarraidh sna mapaichean. Tha e cudromach cuideachd gum bi seicean pàighidh na cìse airson claradh chroitean air am pàigheadh gu Coimisean na Croitearachd. 

Tha Coimisean na Croitearachd a’ cur fàilte air foirmean tagraidh air an lìonadh sa Ghàidhlig. 

Is e stòras luachmhor a th’ ann an croitean is fearann ionaltraidh a bu chòir a bhith an làthair a-nis agus san àm ri teachd, do chroitearan làithreach agus luchd-inntrigidh ùr gu croitearachd, airson an cleachdadh gu tarbhach. Seo liosta de daoine agus buidhnean a tha a’ toirt stiùireadh is fiosrachadh do chroitearan ùra is làithreach mu mheasgachadh de chùisean croitearachd. 

Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW

© Crofting Commission 2019Site MapSite by Plexus.