English
01463 663439

Coinnichibh ris an Àrd-Sgioba Stiùiridh

An Àrd-Sgioba Stiùiridh

Uilleam Barron, Àrd-Oifigear Eadar amail 

Cunntachail airson obrachaidhean agus stiùireadh Coimisean na Croitearachd, a' gabhail a-steach smachdan ionmhasail. A' coimhead thairis air liubhairt sheirbheisean riaghlaidh a tha èifeachdach, cunbhalach agus follaiseach. Cuideachd a' dèanamh cinnteach gu bheil Ministearan, Neach-gairm a' Choimisein agus Coimiseanairean a' faotainn fiosrachadh a tha ceart agus comhairle neo-phàirteach, agus gu bheil an Coimisean a' coileanadh a dhleastanasan agus a chumhachdan reachdail gu h-iomlan agus gu h-èifeachdach. Tha prìomh dhleastanas aig a' Choimisean a bhith a' togail air dàimhean bhon taobh a-muigh, co-obrachadh agus conaltraidhean le prìomh luchd-ùidh agus am poball san fharsaingeachd. 

Daibhidh MacFhionnlaigh, Neach-lagha

Le dleastanas airson a bhith a' solarachadh comhairle laghail cheart do Choimiseanairean agus an luchd-obrach a thaobh prionnsabalan coitcheann agus buileachadh dèantach air na h-Achdan Croitearachd agus reachdas eile.

Iain Toal, Ceannard Poileasaidh

A' cur taic ris a' Bhòrd ann an cruthachadh poileasaidh ro-innleachdail mu raon de chùisean bhon taobh a-muigh agus air an taobh a-staigh ann an sireadh an cinn-uidhe obrachaidh.

Donna Nic a' Ghobhainn, Ceannard Siostaman Fiosrachaidh

Le uallach airson stiùireadh air siostaman stèidhichte air IT leithid Siostam Fiosrachaidh Cruinn-eòlasach (GIS), Siostam Fiosrachaidh Croitearachd (CIS), Eadra-lìon agus bun-structar lìonra IT agus rianachd.

Stiùireadh air solarachadh agus aithris fiosrachaidh staitistigeach agus cruinn-eòlasach. Tha uallach air an sgioba Shiostaman Fiosrachaidh cuideachd airson sgrùdadh càileachd dàta, a bhith a' deilbh pròiseas gnothachais agus leasachadh is taic do phròiseactan leantainneach air an toirt a-steach tron Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2010. 

Eòsaph MacIlleChiar, Ceannard Riaghlaidh is Dleastanasan

Le uallach airson stiùireadh iomlan air na sgiobaidhean riaghlaidh. Cuideachd a' stiùireadh dleastanas a' Choimisein mar chomhairliche reachdail agus a' cur ris na Planaichean Leasachaidh Ionadail nuair agus mar a bhios feum air.

Sìne NicThòmais, Ceannard Sheirbheisean Corporra is Luchd-ceannach

Le uallach airson ionmhas, conaltraidhean agus seirbheisean luchd-ceannach do luchd-ùidh air an taobh a-muigh agus a-staigh. Oifigear Stiùiridh le uallach airson Co-ionannachd is Iomadachd agus trèanadh. 

 

 

Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW

F: 01463 663439

Info@crofting.scotland.gov.uk

Prìobhaideachd

Croitearachd

Mu ar Deidhionn

Cuiribh Brath Thugainn

Clàr Chroitean

Tagraidhean Riaghlaidh

Foirmean agus Stiùireadh

© Crofting Commission 2017Site MapSite by Plexus