English
01463 663439

Leigeil air Mhàl

Cleachdar an abairt 'leigeil air mhàl' nuair a tha croit no pàirt de ghabhaltas croite air a leigeil air màl leis an uachdaran no leis a' chroitear-seilbhe gu neach-gabhail.

Bidh gach gabhaltas croite umhail do na cumhachan a tha air am mìneachadh ann an Earrann 2 de Achd nan Croitearan (Alba) 1993 (air an iomradh san Achd mar "na cumhachan reachdail").

Dè th' ann an Cumhachan Reachdail?

Às aonais aonta fa leth eadar uachdaran agus neach-gabbhail a thaobh cumhachan leigeil air màl, a dh'fheumas ann an suidheachaidhean sònraichte a bhith aontaichte le Cùirt an Fhearainn ann an Alba, bidh gabhaltas croite air a leigeil air màl a rèir "na cumhachan reachdail". Tha na cumhachan reachdail mar a tha iad air am mìneachadh ann an Earrann 2 de Achd nan Croitearan (Alba) 1993 air am mìneachadh gu h-ìosal:

  1. suidheachadh nan togalaichean croite
  2. solar uidheam stèidhichte leithid feansadh
  3. sònrachadh, ath-ghabhail no roinneadh air croit gun chead ceart
  4. taigh ùr air a thogail air a' chroit gun chead an uachdarain (far a bheil sin riatanach). Tha seo  a' cumail às togail air taigh-croite ùr
  5. tha an croitear air aonta reusanta a bhriseadh leis an uachdaran, air a shoidhnigeadh airson dìon reusanta nan uachdaran no ùidhean chroitearan san nàbaidheachd
  6. tha an croitear air fàs briste a thaobh ionmhais an taobh a-staigh brìgh Achd Banca-bristeas (Alba) 1985.
  7. Tha an croitear air bacadh a chur air ruigheachd reusanta air a' chroit leis an uachdaran no le neach ùghdarraichte leis an uachdaran.
  8. Tha an croitear a' reic deoch làidir bhon chroit gun na ceadan riatanach.
  9. Chan eil a' chroit air a h-àiteach agus chan eil i air a cleachdadh airson adhbhar gnothaicheil eile.
  10. Tha a' chroit air ath-ghabhail agus chan eil an croitear air a dhèanamh cinnteach gu bheil am fo-neach-gabhail a' cumail ri cumhachan reachdail gabhaltais. 

Feuch gun dèan sibh cinnteach gun cuir sibh a-steach ur foirm Tagradh Clàraidh bho Chlàran na h-Alba (RoS) còmhla ris an tagradh agaibh, ma bhios feum air. 

Leigeil air Mhàl

AOL Email Resolved

The issue regarding contacting aol email addresses has been resolved. Thanks for your patience while aol resolved the problem.

Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW

F: 01463 663439

Info@crofting.scotland.gov.uk

© Crofting Commission 2017Site MapSite by Plexus