Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Saorsa Fiosrachaidh (FOI)

Tha an Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002 a' toirt còir dhuibh fiosrachadh iarraidh bhuainn agus e a thoirt dhuibh mura h-eil deagh adhbharan ann gun sin a dhèanamh.

Bu chòir iarrtasan FOI a chur ann an sgrìobhadh (a' gabhail a-steach post-d) agus an cur gu: Coimisean na Croitearachd, Taigh a' Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW no post-d gu: info@crofting.gov.scot  agus cuiribh FOI sìos mar thiotal. Dèanaibh cinnteach gun solaraich sibh ur n-ainm, seòladh no seòladh puist-d airson litrichean, agus àireamh fòn ma ghabhas sin a dhèanamh. 

Gheibh sibh a-mach tuilleadh mur còraichean agus cuideachadh airson fiosrachadh iarraidh fo FOI air làrach-lìn Coimiseanairean Fiosrachaidh na h-Alba. 

Chan àbhaist dhuinn a bhith ag iarraidh cìs airson iarrtasan no solarachadh fiosrachaidh ach dh'fhaodadh gun iarr sinn cìs ma bhios cuideam neo-reusanta no cudromach air goireasan ionmhasail no daonna ar buidhne. Gheibh sibh fios ro-làimh mu chìs sam bith an lùib solarachadh fiosrachaidh.

Freagraidh sinn an t-iarrtas agaibh an taobh a-staigh 20 latha obrach. Ach ma tha iarrtas ioma-fhillte no ag iarraidh sùimean mòra fiosrachaidh, dh'fhaodadh nach bi e an-còmhnaidh comasach na cinn-ama sin a choileanadh. Far nach urrainn dhuin an t-iarrtas agaibh a fhreagairt an taobh a-staigh a' chinn-ama, innsidh sinn dhuibh carson agus gu bheil sinn ag obair air freagairt a sholarachadh dhuibh.

Ma tha sinn air an iarrtas agaibh a làimhseachadh fon Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002 agus gu bheil sibh mì-thoilichte leis an fhreagairt againn, innsibh dhuinn an taobh a-staigh 40 latha obrach agus coimheadar ris a-rithist. Bidh sinn ag amas air ar freagairt a thaobh an lèirmheas a sholarachadh an taobh a-staigh 20 latha obrach.  

Ma bhios sibh fhathast mì-thoilichte leis an fhreagairt againn, tha còir agaibh an uair sin ath-thagradh gu Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba. Bu chòir dhuibh lethbhric de litrichean sam bith thugainn a chumail, oir ma cho-dhùineas sibh ath-thagradh gu Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba, thèid iad sin iarraidh oirbh.

Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba, Caisteal Cheann a' Bhùirn, Rathad Doubledykes, Cill Rìmhinn, Fìobha KY16 9DS

Fòn: 01334  464610, www.itspublicknowledge.info

Sa chlàr gu h-ìosal, chithear an ceann-latha a fhuaireadh no an ceann-latha a chaidh freagairt a rèir inbhe an iarrtais. Gliogaibh air a' cheann-latha airson mion-fhiosrachadh. 

Nam biodh sibh airson an làn fhreagairt fhaicinn a chuireadh a-mach mu aon sam bith de na cùisean air an liosta gu h-ìosal, cuiribh post-d gu info@crofting.gov.scot  a' sealltainn na h-àireimh cùise bhuntainnich, nuair a nì sibh an t-iarrtas agaibh. 

 

 

Table of Recent Freedom of Information Requests
Case NoRequestStatusResponse
128836 (EIR)
Documents regarding crofts 1 and 2 Ardvourlie that commenced in 1964 and it was explained that befor...
Ongoing 22/3/24
128943
Request for a copy of information pertaining to croft Arineckaig (R2727) and Arinackaig Common Grazi...
Completed 28/3/24
128712 (EIR)
Request for all historical files in relation to Crofts 9 Sallachy and 10 Sallachy.
Ongoing 15/3/24
128503
Request for all grazings minutes for Clashnessie Grazings Committee in the last 20 years. Inculding ...
Completed 11/3/24
128370 (EIR)
Request for all Crofting Commission internal and external correspondence regarding case 105953 from ...
Completed 28/3/24
128320
Information regarding: 1. Details of the salary and rewards package paid to the Chief Executive an...
Completed 22/3/24
128129
All information held by the crofting commission relative to their investigation and subsequent submi...
Completed 11/3/24
128127
Request for information on how the figure of 510 was arrived at, e.g. how many assignations, letting...
Completed 27/2/24
128064 (EIR)
Request for copies of (i) the shareholder information detailing all of the shareholders, grazing cle...
Completed 27/2/24
128052 (EIR)
Request for all for records, correspondence, plans etc relating to 1 Ardvourlie, Harris
Completed 15/3/24
© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.