Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Dàta Fosgailte

Tha Ro-innleachd Dàta Fosgailte Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn luach dàta agus a’ dèanamh cleachdadh cùramach air dàta ann an leasachadh sheirbheisean poblach agus buannachdan sòisealta is eaconamach nas fharsainge a liubhairt do na h-uile.

Ann an co-rèir leis an ro-innleachd seo, siridh Coimisean na Croitearachd dàta a bhith ri fhaotainn ann an cruthan a cheadaicheas dha a bhith furasta ath-chleachdadh no a roinn. Gheibhear fiosrachadh mu na seataichean dàta a bhios rim faotainn, air an duilleig seo.

Tha an seat dàta iomlan airson ar Clàr Chroitean, liosta poblach de chroitean agus daoine co-cheangailte riutha, ri fhaotainn airson a luchdachadh sìos tro na ceanglaichean gu h-ìosal. Ma bhios tu airson dàta/fiosrachadh fhaighinn mu chroit fa leth, dh’fhaodadh gum bi am fiosrachadh nas fhasa a lorg tro ROC Air-loidhne.

© Crofting Commission 2021Site MapSite by Plexus.