Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Dè th’ ann am Measadair?

Is e neach aig a bheil eòlas air croitearachd a th’ ann am Measadair a tha air fhastadh le Coimisean na Croitearachd agus a tha a’ còmhnaidh ann an sgìre croitearachd. Bidh Measadairean a’ toirt seachad fiosrachadh gu h-ionadail agus ri làimh airson croitearan a stiùireadh gu seirbheisean a’ Chomisein agus seirbheisean eile.

Tha iad a’ togail ceangal glè luachmhor eadar an Coimisean agus na sgìrean croitearachd agus tha iad air an cleachdadh gu buannachd croitearachd anns na sgìrean croitearachd uile. Tha dreuchd a’ Mheasadair saor-thoileach ach faodaidh iad cosgaisean siubhail is cuid-oidhche fhaighinn air ais, a thuilleadh air call teachd-a-steach airson àm sam bith a dh’fheumas iad obair a choileanadh às leth a’ Choimisein.

Tha pannal ùr de Mheasadairean air fhastadh bhon Ghearran 2018 gu Earrach 2023.  Lorgar liosta de na Measadairean gu h-ìosal.

© Crofting Commission 2021Site MapSite by Plexus.