Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Ath-thagraidhean

Faodaidh ar co-dhùnadh no ar dearbhadh air tagradh a bhith air ath-thagradh gu Cùirt an Fhearainn ann an Alba, Taigh Sheòrais, 126 Sràid Sheòrais, Dùn Èideann EH2 4HH, le neach sam bith le ùidh sa chùis air bunait sam bith a tha ann an Earrann 52A de Achd nan Croitearan (Alba) 1993, mar a chaidh atharrachadh. 

Feumaidh an t-ath-thagradh a bhith air a chur a-steach an taobh a-staigh 42 làithean bhon latha fios poblaich agus bu chòir a stiùireadh gu Cùirt an Fhearainn ann an Alba

Thoiribh an aire gum bu chòir do neach sam bith a tha an dùil ath-thagradh a dhèanamh, a bhith mothachail gum bi an Coimisean a' strì ri an cosgaisean fhaighinn air ais bho luchd-tagraidh nach eil soirbheachail.

Gheibhear riaghailtean na Cùirte, a' gabhail a-steach ath-thagraidhean an aghaidh Òrdugh Cùirte Roinneil, an seo. Coimheadaibh ri co-dhùnaidhean ath-thagraidh dèante leis a' Chùirt o chionn ghoirid. 

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.