Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Leigeil air Mhàl Geàrr-ama

Canar Leigeil air Mhàl Geàrr-ama nuair a leigeas croitear-seilbhe a' chroit aca air mhàl do neach-gabhail airson ùine gun a bhith nas fhaide na 10 bliadhna.

  • Chan urrainn do dh'uachdaran tagradh airson na croite a leigeil air mhàl geàrr-amail. 
  • Tha croitear-seilbhe a leigeas gabhaltas na croite aca air mhàl, an uair sin mar uachdaran na croite agus dheigheadh an inbhe a thaobh croitear-seilbhe a-mach à bith.

Delegated Decision Making Parameters

Short Term Letting (of up to 10 years) of an owner-occupied croft— Section 29A of the Crofters (Scotland) Act 1993

Part Croft Short Term Letting of an owner-occupied crofter - Section 29A of the Crofters (Scotland) Act 1993

 

Cuiridh an Coimisean gu h-àbhaisteach cuibhreachadh de 5 bliadhna no nas ìsle air às-mhàladh geàrr-amail le croitearan seilbhe neo-chòmhnaidheach.

Thèid tagraidhean le croitearan seilbhe neo-chòmhnaidheach airson aonta a thaobh dàrna às-mhàladh no barrachd air a’ chroit aca airson ùine sam bith, a theinneachadh gu fèin-ghluaiseach gu Ìre 2.

Faodar aonta dìreach a dhèanamh:

  •  Ma tha an tagraiche neo-chòmhnaidheach agus nach eil iad a’ tagradh airson às-mhàladh geàrr-amail air a’ chroit airson an dàrna turas.
  •  Ma bhios an neach-gabhail san amharc gu h-àbhaisteach a’ còmhnaidh taobh a-staigh 32 cilemeatair den chroit.
  •  Ma tha fianais an làthair gun tèid a’ chroit àiteach.
  •  Ma tha an tagraiche agus an neach-gabhail san amharc air taisbeanadh gum bi dleastanasan còmhnaidh agus cleachdadh fearainn air an coileanadh airson ùine an às-mhàlaidh gheàrr-amail.   
  •  Ma tha na sgilean aig an neach-gabhail san amharc na molaidhean aca don chroit a choileanadh.
  •  Mura h-eil gearanan sam bith an làthair.
  •  Mura h-eil barrachd na 3 croitean aig an neach-gabhail san amharc a-cheana, agus nach eil iarrtas air a nochdadh airson a’ ghabhaltais.

Ma tha aon sam bith de na cumhachan sin nach eil air an coileanadh, thèid an tagradh a theinneachadh.

 

Feuch gun dèan sibh cinnteach gun cuir sibh a-steach ur foirm Tagradh Clàraidh bho Chlàran na h-Alba (RoS) còmhla ris an tagradh agaibh, ma bhios feum air. 

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.