English
01463 663439

Tagraidhean Riaghlaidh

Is e stòras luachmhor a th' ann an croitean agus ionaltraidhean coitcheann, a bu chòir a bhith rim faotainn a-nis agus san àm ri teachd le croitearan a th' ann agus croitearan a tha ùr do chroitearachd, airson cleachdadh feumail. 

Tha aig croitearan ri tagraidhean riaghlaidh a chur a-steach gu Coimisean na Croitearachd airson atharrachaidhean a dhèanamh air a' chroit aca. Tha tar-shealladh ri fhaotainn nar bileig Dèanam,h Atharrachaidhean air a' Chroit.

Tha co-dhùnaidhean a' Choimisein air tagraidhean stèidhichte air reachdas, poileasaidh agus fiosrachadh a gheibhear tron phròiseas tagraidh. Ann an dèanamh cho-dhùnaidhean, bidh an Coimisean mothachail do na nithean as fheàrr don chroit, don choimhearsnachd ionadail agus don t-siostam croitearachd. 

Feumaidh a' mhòr-chuid de thagraidhean riaghlaidh a bhith air an sanasachadh gu poblach leis an tagraiche. Is e na nithean nach fheum, di-chroiteadh pàirt-croit no croit iomlan, croitean ùra agus ionaltraidhean coitcheann a dh'fheumas a bhith air an sanasachadh le Coimisean na Croitearachd. Tha an sanas airson daoine a chomhairleachadh aig a bheil ùidh anns an tagradh a thaobh an còir air 'gearan' do Choimisean na Croitearachd an taobh a-staigh raon-ama stèidhichte (gu h-àbhaisteach 28 làithean). Chan eil an teirm 'gearan' a' beantainn ri gnìomhan riaghlaidh uile.  

Tha Achd nan Croitearan (Alba) 1993 a' comasachadh do Choimiseanairean tighinn gu co-dhùnaidhean a thiomnadh às an leth, agus gheibhear mion-fhiosrachadh mun sin anns an Ionnsramaid Tiomnaidh.  

Tha Nòtaichean Stiùiridh farsaing rim faotainn do gach foirm tagraidh gus croitearan a chuideachadh a' lìonadh nam foirmean. Gheibh sibh cuideachd ar Duilleagan Fiosrachaidh is Bileagan an taobh a-staigh gach gnìomh riaghlaidh. 

Gabhaidh sinn ri foirmean iarrtais air an lìonadh ann an Gàidhlig. Air an làimh eile, faodaidh sinn tionndadh Gàidhlig den fhoirm iarrtais a chur thugaibh, le iarraidh.

Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW

F: 01463 663439

Info@crofting.scotland.gov.uk

© Crofting Commission 2017Site MapSite by Plexus