An Clàr Chroitean (ROC)
’S e liosta phoblach de chroitean a th’ anns an ROC, anns a bheil fiosrachadh bunaiteach mun chroit agus na daoine co-cheangailte ris. Thoiribh an aire gur e roinnean ionaltraidh a th’ ann an cuid de chroitean aig nach eil fearann croite àiteachais co-cheangailte riutha. Tha dìreach còrr air 20,500 croit air Clàr Chroitean a’ Choimisein (ROC) le luchd-gabhail air 72% dhiubh agus an còrr ann an sealbh.
Chan eil fiosrachadh mu chrìochan chroitean no mapaichean air a’ Chlàr Chroitean (ROC) oir tha am fiosrachadh seo air a chumail le Clàran na h-Alba.
Bidh am fiosrachadh a tha air ROC air-loidhne air ùrachadh gach 24 uair a thìde. Tha e cudromach a bhith mothachail ge-tà nach tachair cuid de na h-atharrachaidhean sa bhad mar thoradh air loidhnichean-tìm air an òrdachadh le Reachdas Croitearachd, agus bhiodh iad sin air am mìneachadh ann an litir co-dhùnaidh buntainneach sam bith a dheigheadh a-mach.
Ma tha sibh den bheachd nach eil cuid den fhiosrachadh ceart, feuch gun cuir sibh fios thugainn le bhith a’ lìonadh foirm iomchaidh no cuiribh fios thugainn aig info@crofting.scotland.gov.uk No air an làimh eile, faodaidh sibh sgrìobhadh thugainn aig an t-seòladh gu h-ìosal.