English
01463 663439

Poileasaidh Prìobhaideachd

Aithris-àichidh

Buinidh am poileasaidh prìobhaideachd do Choimisean na Croitearachd a-mhàin. Tha Coimisean na Croitearachd       a' dèanamh a h-uile oidhirp air an fhiosrachadh san làraich-lìn seo a chumail ùr. Chan eil e a' dèanamh riochdachadh sam bith a thaobh cruinneis no iomlanachd agus cha mhotha tha am fiosrachadh mar chomhairle laghail no proifeiseanta. 

Chan eil Coimisean na Croitearachdf, a sholaraichean no pàrtaidhean sam bith eile a tha an sàs ann an cruthachadh susbaint na làraich-lìn seo, buailteach airson call sam bith tro chleachdadh na làraich-lìn seo. Tha còraichean na làraich-lìn aig Coimisean na Croitearachd.

Tional Fiosrachaidh

Is ann le Coimisean na Croitearachd a-mhàin a tha fiosrachadh sam bith air a thional air an làraich-lìn againn www.crofting.scotland.gov.uk

Cucaidhean

Is e faidhlichean beaga air am fàgail air a' choimpiutair nuair a thadhaileas tu air làrach-lìn, a th' ann an "cucaidhean". Mar sin, nuair a thadhaileas luchd-cleachdaidh air làrach-lìn Coimisean na Croitearachd, nochdaidh "cucaidhean" gu fèin-ghluasadach. 

Tha an làrach-lìn seo a' stòradh chucaidhean air an inneal agad airson nan adhbharan a leanas:

1. Cucaidh coitchean (ASPESSIONID ...) air a sheatadh leis an fhrithealaiche agus a' ceadachadh dhuinn an seisean agad a ghleidheadh. Chan urrainn seo a thionndadh dheth, ach chan eil sinn ga chleachdadh gus fiosrachadh a stòradh mud dheidhinn. Ma ghabhas tu ri cucaidhean air an làraich seo, tha e ceadachadh dhuinn an tionndadh Gàidhlig no Beurla den làraich seo a shealltainn dhut fhad 's a tha thu a' gluasad bho dhuilleig gu duilleig a rèir do roghainn fhèin. 

2. Ma nochdas tu gu bheil thu toilichte gabhail ri cucaidhean air an seatadh leis an làraich seo, seataidh sinn cucaidh no dhà eile a' stòradh do roghainn, gus nach fheum sinn faighneachd dhut a-rithist. 

Ceanglaichean

Tha ceanglaichean air an làraich seo a' dol a-mach gu làraichean eile. Chan eil Coimisean na Croitearachd cunntachail airson poileasaidh prìobhaideachd nan làraichean sin. 

Atharrachaidhean sa Phoileasaidh Prìobhaideachd againn: Bidh atharrachaidhean sam bith sa phoileasaidh prìobhaideachd seo air am postadh a-steach don aithris seo.

Cuiribh brath

Ma tha ceistean sam bith agaibh mun phoileasaidh prìobhaideachd againn no beachdan air susbaint na làraich-lìn seo, cuiribh post-d gu jane.thomas@crofting.scotland.gov.uk no fònaibh gu 01463 663479.

 

Poileasaidh Prìobhaideachd

Crofting Roadshows 2017

The Crofting Commission will be appointing a new panel of Assessors in Spring 2018. If you are part of a crofting community and want to be more involved join us at a crofting roadshow near you to find out more about the role of Assessors and a general update on Commission activities.
TIME: 7:30 - 9pm
DATES/VENUES:

20 November - Ayre Hotel, Kirkwall

21 November - Busta House Hotel, Brae, Shetland

22 November - Rogart Hall, Rogart

29 November - Falls of Lora Hotel, Connel

30 November - Nevis Centre, Fort William

4 December - Dark Island Hotel, Benbecula

5 December - Caladh Inn Hotel, Stornoway

6 December - Gairloch Village Hall, Gairloch

Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW

F: 01463 663439

Info@crofting.scotland.gov.uk

© Crofting Commission 2017Site MapSite by Plexus