English
01463 663439

Coinnichibh ris na Coimiseanairean

Tha naoi Coimiseanairean a’ suidhe mar Bhòrd gus poileasaidhean a stèidheachadh agus co-dhùnadh air tagraidhean a tha toinnte. Bidh Coimiseanairean cuideachd a’ com-pàirteachadh ann an grunn bhuidhnean obrach poileasaidh bhon taobh a-staigh còmhla ri luchd-obrach  a’ Choimisein. Bidh na buidhnean sin a’ leasachadh dòigh smaoineachaidh air poileasaidh agus freagairtean do bhuidhnean com-pàirteachaidh a thaobh cho-chomhairlean a bhios a’ toirt  buaidh air croitearachd san àm ri teachd.

Chaidh triùir Choimiseanairean fhastadh le Ministearan na h-Alba agus chaidh sianar Choimiseanairean eile a thaghadh leis na croitearan.  Tha iad uile a’ faotainn taic bho Àrd-Oifigear agus Àrd-Sgioba Stiùiridh a’ Choimisein. Tha Coimiseanairean ag obair 4.5 làithean sa mhìos le tuarastal de £8,796.60 sa bhliadhna. Tha an Neach-gairm ag obair 8 làithean sa mhìos le tuarastal de £20,780.16 sa bhliadhna.

Tha gach ball den Choimisean fo bhuaidh sholaran  Còd Giùlain a’ Choimisein, air a sgaoileadh agus air aontachadh le Coimisean Inbhean na h-Alba. 

Coimiseanairean Taghte:

Màiri NicChoinnich

Rod MacCoinnich, Neach-gairm

Andy Holt

Cyril Annal

Iain MacÌomhair

Uilleam Neilson

 

Coimiseanairean Fastaichte:

Daibhidh Caimbeul

Calum MacMhathain

Seumas Scott

Tha Coimiseanairean a’ suidhe mar Bhòrd gus poileasaidhean a stèidheachadh agus co-dhùnadh air tagraidhean a tha toinnte.  Tha coinneamhan Bùird gan cumail gu h-àbhaisteach gach 6 seachdainean.

 

 

 

Na Coimiseanairean

Applications to Commission

We are currently dealing with high volumes of applications to the Commission. As a result, we may not be able to acknowledge receipt of your application within our usual 5-day period. We apologise for this and appreciate your patience.

Looking for information? Have you tried the Register of Crofts online.

Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW

F: 01463 663439

Info@crofting.scotland.gov.uk

© Crofting Commission 2017Site MapSite by Plexus