Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Gearanan

Tha Coimisean na Croitearachd dealasach a thaobh solarachadh sheirbheisean àrd-chàileachdail do luchd-ceannach. Tha sinn a' cur luach air gearanan agus a' cleachdadh fiosrachaidh bhuapa gus ar seirbheisean a leasachadh. 

Ma tha sibh mì-thoilichte le ar seirbheisean, innsibh dhuinn le bhith a' lìonadh agus a' tilleadh ar Foirm Ghearanan, lethbhreac gu h-ìosal. Tha nòtaichean stiùiridh mionaideach a' dèanamh iomradh air ar modh ghearanan agus mar a nithear gearan, rim faotainn gu h-ìosal còmhla ri bileag a' dèanamh geàrr-iomradh air ar modh ghearanan. Tha sinn a’ sùileachadh ris gach aithris de mhì-riarachadh a fhreagairt an taobh a-staigh 5 làithean obrach. Ma bhios e riatanach dhuinn rannsachadh mionaideach a choileanadh, gheibh sibh fios mu dheidhinn sin agus gheibh sibh freagairt bhuainn an taobh a-staigh 20 latha obrach.  

THOIRIBH AN AIRE: Chan urrainnear gearan a dhèanamh a thaobh Co-dhùnadh air tagradh air a ghabhail leis a’ Choimisean na Croitearachd , mura h-eil sibh den bheachd gu bheil mearachd dèante sa mhodh-obrach no fàilligeadh sa phròiseas ann a bhith a’ tighinn gu co-dhùnadh. Airson fiosrachadh mu mhodh ath-thagraidh an aghaidh Co-dhùnadh, faicibh Ath-thagraidhean.

Ma tha a' chùis leis a bheil sibh mì-thoilichte a thaobh briseadh air riaghailtean ionaltraidh coitcheann, lìonaibh a-steach foirm Briseadh Riaghailtean

Gheibhear geàrr-iomradh staitistigeach air na gearanan leis na dhèilig an Coimisean, gu h-ìosal. 

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.