English
01463 663439

Foirmean Tagraidh is Stiùireadh

Tha foirmean tagraidh riaghlaidh agus nòtaichean stiùiridh leis gach gnìomh riaghlaidh do bheil Coimisean na Croitearachd cunntachail.

Feumaidh cuid de thagraidhean riaghlaidh a bhith air an sanasachadh leis an tagraiche no le Coimisean na Croitearachd. Faic Lagh, Poileasaidh is Modhan-obrach ann am Fios Poblach agus ar liosta de phàipearan-naidheachd aontaichte.  Thoiribh an aire, chan fheum tagraidhean riaghlaidh a bhith air an sanasachadh ach aon uair.

CLÀR CROITEARACHD - SANAS CUDROMACH

Tha cuid de thagraidhean riaghlaidh a-nis a' piobrachadh an riatanais a thaobh ur croit a chlàradh le Gleidheadair Chlàran na h-Alba. Tha seo air dàil adhbhrachadh a thaobh giullachd thagraidhean ann an cuid de chùisean. Ann am mòran shuidheachaidhean tha an lagh ag ràdh nach urrainn dhuinn co-dhùnaidhean a dhèanamh air tagraidhean riaghlaidh gus am bi a' chroit clàraichte. Gheibhear liosta slàn de na leigidhean riaghlaidh an seo.

Tha sinn a' tuigsinn gum bi dàil a' leamhachadh ar luchd-ceannach. Is e aon adhbhar airson dàil, duilgheadasan leis na mapaichean a tha air an cur a-steach còmhla ris an tagradh Clàraidh. Dh'iarainn oirbh coimhead ris an stiùireadh a chaidh a sgaoileadh le Clàran na h-Alba a thaobh a' mhion-fhiosrachaidh a dh'fheumar sna mapaichean. Tha e cudromach cuideachd gu bheil seicean airson cìs clàraidh na croite a phàigheadh, sgrìobhte a-mach gu Coimisean na Croitearachd. 

Airson tuilleadh fiosrachaidh faicibh an Clàr Chroitean.

Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW

F: 01463 663439

Info@crofting.scotland.gov.uk

Prìobhaideachd

Croitearachd

Mu ar Deidhionn

Cuiribh Brath Thugainn

Clàr Chroitean

Tagraidhean Riaghlaidh

Foirmean agus Stiùireadh

© Crofting Commission 2017Site MapSite by Plexus