English
01463 663439

Saorsa Fiosrachaidh (FOI)

Tha an Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002 a' toirt còir dhuibh fiosrachadh iarraidh bhuainn agus e a thoirt dhuibh mura h-eil deagh adhbharan ann gun sin a dhèanamh.

Mar a dh'iarrar fiosrachadh

Bu chòir iarrtasan FOI a chur ann an sgrìobhadh (a' gabhail a-steach post-d) agus an cur gu: Coimisean na Croitearachd, Taigh a' Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW no post-d gu: info@crofting.scotland.gov.uk agus cuiribh FOI sìos mar thiotal. Dèanaibh cinnteach gun solaraich sibh ur n-ainm, seòladh no seòladh puist-d airson litrichean, agus àireamh fòn ma ghabhas sin a dhèanamh. 

Gheibh sibh a-mach tuilleadh mur còraichean agus cuideachadh airson fiosrachadh iarraidh fo FOI air làrach-lìn Coimiseanairean Fiosrachaidh na h-Alba. 

Am bi cìs ri phàigheadh?

Chan àbhaist dhuinn a bhith ag iarraidh cìs airson iarrtasan no solarachadh fiosrachaidh ach dh'fhaodadh gun iarr sinn cìs ma bhios cuideam neo-reusanta no cudromach air goireasan ionmhasail no daonna ar buidhne. Gheibh sibh fios ro-làimh mu chìs sam bith an lùib solarachadh fiosrachaidh.

Raointean-ama

Freagraidh sinn an t-iarrtas agaibh an taobh a-staigh 20 latha obrach. Ach ma tha iarrtas ioma-fhillte no ag iarraidh sùimean mòra fiosrachaidh, dh'fhaodadh nach bi e an-còmhnaidh comasach na cinn-ama sin a choileanadh. Far nach urrainn dhuin an t-iarrtas agaibh a fhreagairt an taobh a-staigh a' chinn-ama, innsidh sinn dhuibh carson agus gu bheil sinn ag obair air freagairt a sholarachadh dhuibh.

Ur còir air lèirmheas agus ath-thagradh

Ma tha sinn air an iarrtas agaibh a làimhseachadh fon Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002 agus gu bheil sibh mì-thoilichte leis an fhreagairt againn, innsibh dhuinn an taobh a-staigh 40 latha obrach agus coimheadar ris a-rithist. Bidh sinn ag amas air ar freagairt a thaobh an lèirmheas a sholarachadh an taobh a-staigh 20 latha obrach.  

Ma bhios sibh fhathast mì-thoilichte leis an fhreagairt againn, tha còir agaibh an uair sin ath-thagradh gu Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba. Bu chòir dhuibh lethbhric de litrichean sam bith thugainn a chumail, oir ma cho-dhùineas sibh ath-thagradh gu Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba, thèid iad sin iarraidh oirbh.

Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba, Caisteal Cheann a' Bhùirn, Rathad Doubledykes, Cill Rìmhinn, Fìobha KY16 9DS. Fòn: 01334  464610, www.itspublicknowledge.info

Iarrtasan FOI

Sa chlàr gu h-ìosal, chithear an ceann-latha a fhuaireadh no an ceann-latha a chaidh freagairt a rèir inbhe an iarrtais. Gliogaibh air a' cheann-latha airson mion-fhiosrachadh. 

Nam biodh sibh airson an làn fhreagairt fhaicinn a chuireadh a-mach mu aon sam bith de na cùisean air an liosta gu h-ìosal, cuiribh post-d gu info@crofting.scotland.gov.uk a' sealltainn na h-àireimh cùise bhuntainnich, nuair a nì sibh an t-iarrtas agaibh. 

 

 

Case NoRequestStatusResponse
79808
Request for copies of correspondence between the following persons and organisations: Garrynamoni...
Ongoing 18/5/17
79956
Request for various information in relation to maps used for the registration of Garrynamonie Common...
Ongoing 16/5/17
79529
Request to know if Whalsay Water Treatment Works are located on a croft or common grazings area.
Completed 10/5/17
79183
Request for a copy of all correspondence both email and written pertaining to 30 and 31 Camus Croise...
Completed 26/5/17
78978
Request for information on crofts 4 Galtrigill and a copy of the crofting Census returns for the abo...
Completed 5/5/17
78861
​Request for a copy of the s maps for the registrations of Garrynamonie Common Grazing and Easabhal ...
Completed 16/5/17
78844
Query over the designation of land at Stoer, Sutherland
Completed 21/4/17
78791
Query on designation of land at Loch Maree Ross-shire
Completed 12/4/17
78640
Request for a copy of the unredacted Board minutes of 28 September 2016.
Completed 13/4/17
77994
Request for information on whether decrofting directions have been issued on various crofts in Shetl...
Completed 4/4/17

Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW

F: 01463 663439

Info@crofting.scotland.gov.uk

Prìobhaideachd

Croitearachd

Mu ar Deidhionn

Cuiribh Brath Thugainn

Clàr Chroitean

Tagraidhean Riaghlaidh

Foirmean agus Stiùireadh

© Crofting Commission 2017Site MapSite by Plexus