English
01463 663439

Iarrtas Fiosrachaidh Àrainneachdail

Tha an Achd Fiosrachaidh Àrainneachdail (Alba) 2004 a' toirt dhuibh na còrach fiosrachadh iarraidh mun àrainneachd agus e a thoirt dhuibh mura h-eil deagh adhbharan gun sin a dhèanamh.

Mar a dh'iarrar fiosrachadh

Faodar iarrtasan mu fhiosrachadh àrainneachdail a dhèanamh ann an sgrìobhadh no labhairteach. Ged nach eil agaibh ri mhìneachadh carson a tha sibh ag iarraidh an fhiosrachaidh, ma tha sibh toilichte a dhèanamh dh'fhaodadh e ar cuideachadh gu freagairt nas fheàrr a thoirt dhuibh. 

Am bi cìs ri phàigheadh?

Chan àbhaist dhuinn a bhith ag iarraidh cìs airson iarrtasan no solarachadh fiosrachaidh ach dh'fhaodadh gun iarr sinn cìs ma bhios cuideam neo-reusanta no cudromach air goireasan ionmhasail no daonna ar buidhne. Gheibh sibh fios ro-làimh mu chìs sam bith an lùib solarachadh fiosrachaidh.

Raointean-ama

Freagraidh sinn an t-iarrtas agaibh an taobh a-staigh 20 latha obrach, ach dh'fhaodadh gum feum sinn seo a leudachadh suas gu 40 latha obrach ma tha an t-iarrtas ioma-fhillte no ag iarraidh sùim mhòr de fhiosrachadh.

Ur còir air lèirmheas agus ath-thagradh

Ma tha sinn air an iarrtas agaibh a làimhseachadh fon Achd Fiosrachaidh Àrainneachdail (Alba) 2004 agus gu bheil sibh mì-thoilichte leis an fhreagairt againn, innsibh dhuinn an taobh a-staigh 40 latha obrach agus coimheadar ris a-rithist. Bidh sinn ag amas air ar freagairt a thaobh an lèirmheas a sholarachadh an taobh a-staigh 20 latha obrach.  

Ma bhios sibh fhathast mì-thoilichte leis an fhreagairt againn, tha còir agaibh an uair sin ath-thagradh gu Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba. Bu chòir dhuibh lethbhric de litrichean sam bith thugainn a chumail, oir ma cho-dhùineas sibh ath-thagradh gu Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba, thèid iad sin iarraidh oirbh.

Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba, Caisteal Cheann a' Bhùirn, Rathad Doubledykes, Cill Rìmhinn, Fìobha KY16 9DS. Fòn: 01334  464610, www.itspublicknowledge.info

Fiosrachadh Àrainneachdail

AOL Email addresses

We still have an ongoing issue with AOL emails in that we will receive your email but are unable to reply to you. So if you do email us from an AOL account, please either include a telephone number or an alternative email address so we can get back to you.

We appreciate your patience while we work with AOL to resolve the issue.

Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW

F: 01463 663439

Info@crofting.scotland.gov.uk

Prìobhaideachd

Croitearachd

Mu ar Deidhionn

Cuiribh Brath Thugainn

Clàr Chroitean

Tagraidhean Riaghlaidh

Foirmean agus Stiùireadh

© Crofting Commission 2017Site MapSite by Plexus