2023 Crofting Census Now Open: Your voice is essential in shaping the future of crofting. Submit your response online before 8th April 2024. Participate now at crofting.scotland.gov.uk/census and make a difference!
Roinn
Cleachdar an abairt 'roinn' nuair a tha croit air a sgaradh gus dà no barrachd aonad a chruthachadh. Ma bhios croitear-seilbhe airson reic no sealbhadaireachd air pàirt den chroit a ghluasad, feumaidh iad an toiseach cead a' Choimisein fhaotainn gus a' chroit a roinn anns na diofar phàirtean a tha iad airson a ghluasad agus a chumail.
THOIRIBH AN AIRE: Ann an tagradh sam bith a thaobh ruigheachd no a' toirt buaidh air ruigheachd don chroit, feumaidh solar mu choinneamh ruigheachd iomchaidh charbadan a bhith air a chomharrachadh gu soilleir air planaichean a chuirear a-steach còmhla ris an tagradh. Feuch gun gabh sibh tìde a' beachdachadh air cùisean gu cùramach a thaobh ruigheachd air a' chroit mus cuir sibh an tagradh a-steach thugainn. Dh'fhaodadh seo cuideachadh le dàil a sheachnadh aig àm làimhseachaidh na cùise. Gus cunntas a ghabhail air carbadan is uidheam nuadh-aimsireil, bu chòir do ruigheachd air a' chroit a bhith 4 meatairean de leud aig a' char as lugha.
Division by a Tenant - Section 9 of the Crofters (Scotland) Act 1993
Division by Owner-occupier crofter - Section 19D of the Crofters (Scotland) Act 1993
Faodar aonta dìreach a dhèanamh:
Ma tha aon sam bith de na cumhachan sin nach eil air an coileanadh, thèid an tagradh a theinneachadh.
Roinn le Rianaire-tiomnaidh (a thuilleadh air tagradh airson an taigh còmhnaidh reachdail a roinn bhon chòrr den chroit) - Earrannan 9 is 10 de Achd nan Croitearan (Alba) 1993.
Feumaidh an tagraiche fianais a nochdadh gur iad rianaire-tiomnaidh a’ chroiteir nach maireann:
Mura h-eil an tagraiche air dearbhadh gur iad an rianaire-tiomnaidh, thèid an tagradh a thilleadh mar a bhith neo-dhligheach.
Faodar aonta dìreach a dhèanamh:
Ma tha aon sam bith de na cumhachan sin nach eil air an coileanadh, thèid an tagradh a theinneachadh.
Roinn leis an rianaire-tiomnaidh far a bheil e co-cheangailte ri dìleab gabhaltais de phàirt den chroit air a bheil an taigh còmhnaidh do aon neach, agus gabhaltas a’ chòrr den chroit do aon neach eile - Earrannan 10(4A)a 58A(6A) de Achd nan Croitearan (Alba) 1993.
Chan fhaod an croitear nach maireann a bhith air làrach taigh còmhnaidh is fearann gàrraidh reachdail a dhi-chroiteadh roimhe.
Feumaidh an tagraiche fianais fhoillseachadh gur iad rianaire-tiomnaidh a’ chroiteir nach maireann, le:
Ma tha an croitear nach maireann air an làrach taigh croite agus fearann gàrraidh reachdail a dhi-chroiteadh roimhe, thèid dèiligeadh ris an tagradh leis an rianaire-tiomnaidh fon Tagradh Roinnidh coitcheann do chroit air ghabhaltas.
Mura h-eil an tagraiche air taisbeanadh gur iad an rianaire-tiomnaidh, thèid an tagradh a thilleadh mar a bhith neo-dhligheach.
Faodar aonta dìreach a dhèanamh:
Ma tha aon sam bith de na cumhachan sin nach eil air an coileanadh, thèid an tagradh a theinneachadh.
Feuch gun dèan sibh cinnteach gun cuir sibh a-steach ur foirm Tagradh Clàraidh bho Chlàran na h-Alba (RoS) còmhla ris an tagradh agaibh, ma bhios feum air.