English
01463 663439

An Achd Dìon Dàta

Tha an Achd Dìon Dàta 1998 a' toirt dhuibh na còrach fios a bhith agaibh mun fhiosrachadh a tha glèidhte mur deidhinn agus a' mìneachadh riaghailtean gus a dhèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh air a làimhseachadh gu ceart. 

Mar a dh'iarrar fiosrachadh

Bu chòir do dh'iarrtas a bhith ann an sgrìobhadh agus bu chòir dhuibh fianais sgrìobhainn a chur na lùib a dh'innse cò sibh m.e. lethbhreac den chead dràibhidh, barantas breith no cead siubhail. 

Am bi cìs ri phàigheadh?

Bidh Dìon Dàta ag iarraidh cìs de £10 mus tòisich sinn a' lorg an fhiosrachaidh agaibh. (Pàighte le seic gu Coimisean na Croitearachd).

Raointean-ama

Freagraidh sinn an t-iarrtas agaibh an taobh a-staigh 40 latha bho fhuaireadh an t-iarrtas. 

Ur còir air lèirmheas agus ath-thagradh

Ma tha gearan agaibh mun dòigh a làimhsich sinn am fiosrachadh pearsanta agaibh, bu chòir dhuibh fios a chur gu Coimiseanair Fiosrachaidh na Rìoghachd Aonaichte.

Oifis a' Choimiseanair Fiosrachaidh - Alba

45 Melville Street, Edinburgh, EH3 7HL

T: 0131 244 9001

E: Scotland@ico.org.uk

 



 

 

An Achd Dìon Dàta

New Assessors Panel

Many thanks to everyone who took the time to came along to our Roadshows. Remember applications for the role of Assessor must be returned to the Commission by 8 January. If you would like to know more about the role of an Assessor feel free to get in touch, we'd be delighted to hear from you. T:01463 663439 E:info@crofting.scotland.gov.uk

Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW

F: 01463 663439

Info@crofting.scotland.gov.uk

© Crofting Commission 2017Site MapSite by Plexus