English
01463 663439

Croitearachd

Is e siostam de ghabhaltas fearainn a tha àraid do dh'Alba a th' ann an croitearachd, agus tha e na phàirt iomlan de bheatha na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Faodaidh croitearachd beaiteas de bhuannachdan a thoirt gu croitearan agus don choimhearsnachd croitearachd air a' Ghàidhealtrachd agus sna h-Eileanan agus gu pàirtean ainmichte eile ann an Alba. 

Is e pìos fearainn àiteachail car beag a th' ann an croit a tha gu h-àbhaisteach air a chumail ann am màl-shealbhadh agus air am faod no nach fhaod togalaichean a bhith no taigh co-cheangailte ris. Tha croitean a' rangachadh ann am meud bho leth heactair (ha) gu còrr air 50 ha ach tha croit àbhaisteach timcheall air 5ha. Tha dleastanasan reachdail aig croitearan ris am feum iad gabhail, agus is iad sin:

  • dleastanas a bhith a' còmhnaidh air no an taobh a-staigh 32 cilemeatair den chroit aca
  • dleastanas gun dìmeas a dhèanamh air a' chroit 
  • dleastanas a thaobh a' chroit aca àiteach agus a chumail suas no a chur gu adhbhar gnothaicheil sam bith eile.

Tha Coimisean na Croitearachd ri làimh airson taic agus comhairle a thoirt do chroitearan a thaobh nan diofar roghainnean a th' ann dhaibh ann an gèilleadh do an dleastanasan. 

 

 

Tha 20,570 croit ann le 15,388 croitear fa leth a' dèanamh suas teaghlaichean croitearachd, le sluagh iomlan de mu 33,000.  Tha an croitear na neach-gabhail no na neach-seilbhe air a' chroit. Mar as trice, bidh an croitear a’ cumail na croite air na “cumhachan reachdail”, a tha a’ buntainn ris gach gabhaltas croite, agus cha bhi cùmhnant-màil sgrìobhte aige. Tha cuid de dh’fhearann croite a-nis ann an sealbh seach gu bheil an fheadhainn a     b’ àbhaist a bhith nan luchd-gabhail, air am fearann a cheannach. Chan eil smachd sam bith a thaobh atharrachaidhean ann an sealbh fearann croite, ged a tha riatanas reachdail ann fios a thoirt don Choimisean, ach tha gach atharrachadh ann an gabhaltas croite air a riaghladh leis a' Choimisean.

Thathar a’ cleachdadh a’ bhriathair ‘sònrachadh’ ann an croitearachd gus mìneachadh a dhèanamh air gluasad maireannach gabhaltais bho aon neach gu neach eile. Ann am bliadhna àbhaisteach tha 200 gu 300 gabhaltas croite air an sònrachadh. Ann an còrr is leth dhiubh sin, tha an croitear làithreach a’ toirt seachad na croite do bhall den teaghlach aige fhèin agus tha a’ mhòr-chuid de na gabhaltasan eile air an toirt seachad do dhaoine a dh’aithnicheas an croitear mar-thà. Tha fios againn gu bheil iarrtas mòr ann airson croitean, agus mar sin tha sinn a’ tuigsinn gum faod dìth fearainn daoine a dhì-mhisneachadh.

Ach, tha e fìor gu bheil grunn chroitean a’ tighinn air a’ mhargaid fhosgailte gach bliadhna. Faodaidh croitear sam bith le ùidh coimhead ann am pàipearan-naidheachd ionadail airson gabhaltasan no fios a chur gu luchd-lagha is àidseantan oighreachd gus an ùidh a chlàradh sa chùis. Tha cuid air croit a lorg le bhith a' chur sanas 'iarraidh' sa phàipear-naidheachd bhuntainneach ionadail.

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba (SCF) a' cur ri chèile liosta den fheadhainn aig a bheil ùidh ann an croit fhaotainn agus solaraichidh iad fiosrachadh a thaobh croit a lorg agus na croitean a tha rim faotainn. Nam bu mhath leibh a bhith san iomairt seo, cuiribh fios gu hq@crofting.org no Fòn: 01599 530005. 

Chan eil an seo ach toiseach a' phròiseis. Tha faotainn gabhaltas croite co-dhiù cho doirbh ri bhith a' ceannach taigh sònraichte air a' mhargaidh reic. Tha riatanasan laghail àraid ann cuideachd. Chan eil sealbh aig a' Choimisean air croitean, agus chan urrainn dhaibh neach sam bith a tha a' sireadh croite a riochdachadh.

Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW

F: 01463 663439

Info@crofting.scotland.gov.uk

© Crofting Commission 2017Site MapSite by Plexus