Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

An Cunntas Croitearachd

Tha aig Coimisean na Croitearachd ri fios a thoirt do chroitearan gu foillseachadh bliadhnail a dhèanamh air na croite aca tron Chunntas Croitearachd. Is e dleastanas reachdail a tha seo a chaidh a chur an gnìomh mar phàirt den Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2010. 

Tha e air iarraidh air croitearan fiosrachadh a sholarachadh a thaobh mar a tha iad a' gèilleadh do an dleastanasan. Tha seo a' cuideachadh le dealbh shoilleir a stèidheachadh mu staid làithreach croitearachd, agus a' comasachadh don Choimisean bunait fianais a thogail airson luach croitearachd. Leis an fhiosrachadh a gheibhear, bidh cothrom nas fheàrr aig a' Choimisean cùisean a thuigsinn agus a thogail a bhios mu choinneamh croitearachd san àm ri teachd. 

Faodaidh croitearan cur ri an croitean agus an coimhearsnachdan airson an ama ri teachd, le bhith:

  1. crìochnachadh an fhoirm Cunntais Croitearachd agus solarachadh a' Choimisein le fiosrachadh feumail
  2. tuigsinn an dleastanasan mar chroitear
  3. dèanamh cinnteach gu bheil iad a' coileanadh an dleastanasan mar chroitear 
  4. gabhail cheumannan gus cùisean a chur ceart mura h-eil iad a' coileanadh an dleastanasan

Dè na dleastanasan a tha aig croitear?

  1. dleastanas a bhith a' còmhnaidh air no an taobh a-staigh 32 cilemeatair den chroit aca
  2. dleastanas gun dìmeas a dhèanamh air a' chroit 
  3. dleastanas a' chroit aca àiteachd 's a chumail suas no a chur gu adhbhar gnothaicheil eile.

Tha Coimisean na Croitearachd ri làimh airson taic is comhairle a thoirt do chroitearan a thaobh nan diofar roghainnean a tha fosgailte dhaibh gus gèilleadh do an dleastanasan. 

Luchdaichibh sìos bileag Cunntais Croitearachd agus faicibh Dleastanasan Chroitearan airson tuilleadh fiosrachaidh. 

Feumaidh na croitearan uile a bhith air am foirmean cunntais 2020 a lìonadh agus a thilleadh ro 31 Màrt 2021. Ma bhios ceistean sam bith agaibh, feuch gum fòn sibh no cuiribh post-d agus nì sinn gach oidhirp airson ur cuideachadh.  Post-d: census@crofting.gov.scot  

 

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.