Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

Coinnichibh ris an Àrd-Sgioba Stiùiridh

An Àrd-Sgioba Stiùiridh

Uilleam Barron, Àrd-Oifigear Eadar amail 

Cunntachail airson obrachaidhean agus stiùireadh Coimisean na Croitearachd, a' gabhail a-steach smachdan ionmhasail. A' coimhead thairis air liubhairt sheirbheisean riaghlaidh a tha èifeachdach, cunbhalach agus follaiseach. Cuideachd a' dèanamh cinnteach gu bheil Ministearan, Neach-gairm a' Choimisein agus Coimiseanairean a' faotainn fiosrachadh a tha ceart agus comhairle neo-phàirteach, agus gu bheil an Coimisean a' coileanadh a dhleastanasan agus a chumhachdan reachdail gu h-iomlan agus gu h-èifeachdach. Tha prìomh dhleastanas aig a' Choimisean a bhith a' togail air dàimhean bhon taobh a-muigh, co-obrachadh agus conaltraidhean le prìomh luchd-ùidh agus am poball san fharsaingeachd. 

Daibhidh MacFhionnlaigh, Neach-lagha

Le dleastanas airson a bhith a' solarachadh comhairle laghail cheart do Choimiseanairean agus an luchd-obrach a thaobh prionnsabalan coitcheann agus buileachadh dèantach air na h-Achdan Croitearachd agus reachdas eile.

Iain Toal, Ceannard Poileasaidh

A' cur taic ris a' Bhòrd ann an cruthachadh poileasaidh ro-innleachdail mu raon de chùisean bhon taobh a-muigh agus air an taobh a-staigh ann an sireadh an cinn-uidhe obrachaidh.

Màiri Rosach, Sealach, Ceannard Obrachaidhean is Sgioba-obrach  

Uallach airson sgiobaidhean Sheirbheisean Riaghlaidh is Theachdaichean  

Fraoch Mack, Ceannard Leasachaidh Croitearachd

Responsible for crofting development including leading the development posts in the Western Isles.

Eòsaph MacIlleChiar, Ceannard Riaghlaidh is Dleastanasan

Le uallach airson stiùireadh iomlan air na sgiobaidhean riaghlaidh. Cuideachd a' stiùireadh dleastanas a' Choimisein mar chomhairliche reachdail agus a' cur ris na Planaichean Leasachaidh Ionadail nuair agus mar a bhios feum air.

Aaron Ramasaidh, Ceannard Sheirbheisean Didseatach is Leasachaidhean

Ullach iomlan airson Seirbheisean Fiosrachaidh agus gnìomhachdan is èifeachdan leasachaidh tarsainn na buidhne. Cuideachd le uallach airson GIS

Sìne NicThòmais, Ceannard Sheirbheisean Corporra is Luchd-ceannach

Le uallach airson ionmhas, conaltraidhean agus seirbheisean luchd-ceannach do luchd-ùidh air an taobh a-muigh agus a-staigh. Oifigear Stiùiridh le uallach airson Co-ionannachd is Iomadachd agus trèanadh. 

Niall MacDhòmhnaill, Ceannard Ionmhais (photograph to follow)

Stiùireadh na sgioba ionmhais agus ag aithris mu chùisean ionmhais don Àrd-Oifigear no dìreach don Chomataidh Sgrùdaidh is Ionmhais.   

Le uallach airson a dhèanamh cinnteach gun cùm Coimisean na Croitearachd suas siostaman ionmhais làidir, fosgarra agus sgrùdail. Co-òrdanachadh dhleastanasan ionmhasail a’ Choimisein uile a thaobh Leabhar-làimhe Ionmhas Poblach na h-Alba agus an sgrìobhainn Frèam-obrach a tha air a dhealbhadh le Riaghaltas na h-Alba ann an co-chomhairleachadh leis a’ Choimisean.

 

 

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.