Tha Coimisean na Croitearachd a' riaghladh
agus ag adhartachadh mathas croitearachd ann an Alba
gus croitearachd a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd.
EnglishGaelic

 Cunntas Fearann Ionaltraidh

Chuir an Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2010 riatanasan ùra air comataidhean ionaltraidh gu bhith ag aithris a h-uile 5 bliadhna air staid an talamh ionaltraidh aca, staid gach croit a bhuineas do neach-gabhail agus croitear seilbhe le roinn san talamh ionaltraidh agus cùis sam bith eile a tha a’ toirt buaidh air an talamh ionaltraidh no air croitearachd ann am baile-fearainn sam bith a tha co-cheangailte ris an talamh ionaltraidh.

Tha sinn air teamplaid de fhoirm a chruthachadh airson a’ Chunntais Ionaltraidh gus comataidhean ionaltraidh a chuideachadh le gèilleadh do an Dleastanas Aithris agus thathar air co-chomhairleachadh le croitearan agus luchd-ùidhe croitearachd airson an fhoirm a dhèanamh cho furasta agus cho sìmplidh ’s a ghabhas a lìonadh a-steach.

Thea am pàirt deireannach den fhoirm a’ ceadachadh do chomataidhean ionaltraidh togail air draghan sònraichte a dh’fhaodadh a bhith aca mu mhì-fheum, dearmad no neo-chòmhnaidheachd air croitean sa bhaile. Cha dèan an Coimisean tuilleadh sgrùdaidh gu h-àbhaisteach air cùisean ach far a bheil iad den bheachd nach eil dleastanasan croitearachd gan coileanadh. Ach, tha Earrann 26B de Achd nan Croitearan (Alba) 1993 a’ ceadachadh don Choimisean brisidhean dleastanais a tha san amharc a sgrùdadh, nuair a bhios feum air.  

Tha e gu math croitearachd air fad gun tèid dèiligeadh leis na cùisean sin gus a dhèanamh cinnteach gun lean fearann croitearachd air adhart ga àiteach gu buannachd ghinealaichean de croitearan san àm ri teachd.

Gheibhear lethbhreac de fhoirm a’ Chunntais Ionaltraidh gu h-ìosal còmhla ri Ceistean Bitheanta. Tha lethbhreacan pàipeir den fhoirm rim faotainn le an iarraidh.

Lìonaibh am foirm mas e ur toil e, agus cuiribh i air post-d gu grazingscensus@crofting.scotland.gov.uk no tillibh lethbhreac sa phost. Bu chòir do cheistean sam bith a thaobh a’ Chunntais Ionaltraidh an cur air post-d gu grazingscensus@crofting.scotland.gov.uk no sgrìobhaibh thugainn aig an t-seòladh aig bonn na duilleig.

© Crofting Commission 2024Site MapSite by Plexus.