English
01463 663439

An Cunntas Croitearachd

Tha aig Coimisean na Croitearachd ri fios a thoirt do chroitearan gu foillseachadh bliadhnail a dhèanamh air na croite aca tron Chunntas Croitearachd. Is e dleastanas reachdail a tha seo a chaidh a chur an gnìomh mar phàirt den Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2010. 

Tha e air iarraidh air croitearan fiosrachadh a sholarachadh a thaobh mar a tha iad a' gèilleadh do an dleastanasan. Tha seo a' cuideachadh le dealbh shoilleir a stèidheachadh mu staid làithreach croitearachd, agus a' comasachadh don Choimisean bunait fianais a thogail airson luach croitearachd. Leis an fhiosrachadh a gheibhear, bidh cothrom nas fheàrr aig a' Choimisean cùisean a thuigsinn agus a thogail a bhios mu choinneamh croitearachd san àm ri teachd. 

Faodaidh croitearan cur ri an croitean agus an coimhearsnachdan airson an ama ri teachd, le bhith:

  1. crìochnachadh an fhoirm Cunntais Croitearachd agus solarachadh a' Choimisein le fiosrachadh feumail
  2. tuigsinn an dleastanasan mar chroitear
  3. dèanamh cinnteach gu bheil iad a' coileanadh an dleastanasan mar chroitear 
  4. gabhail cheumannan gus cùisean a chur ceart mura h-eil iad a' coileanadh an dleastanasan

Dè na dleastanasan a tha aig croitear?

  1. dleastanas a bhith a' còmhnaidh air no an taobh a-staigh 32 cilemeatair den chroit aca
  2. dleastanas gun dìmeas a dhèanamh air a' chroit 
  3. dleastanas a' chroit aca àiteachd 's a chumail suas no a chur gu adhbhar gnothaicheil eile.

Tha Coimisean na Croitearachd ri làimh airson taic is comhairle a thoirt do chroitearan a thaobh nan diofar roghainnean a tha fosgailte dhaibh gus gèilleadh do an dleastanasan. 

Luchdaichibh sìos bileag Cunntais Croitearachd agus faicibh Dleastanasan Chroitearan airson tuilleadh fiosrachaidh. 

Feumaidh na croitearan uile a bhith air am foirmean cunntais 2016 a lìonadh agus a thilleadh ro 31 Màrt 2018. Ma bhios ceistean sam bith agaibh, feuch gum fòn sibh no cuiribh post-d agus nì sinn gach oidhirp airson ur cuideachadh.  Fòn: 01463 663439 no Post-d: census@crofting.gov.scot  

 

An Cunntas Croitearachd

High Volumes of Applications

We currently have a 4 week backlog of applications/enquiries, this is due partly to the high volume of correspondence received and some temporary staffing issues. As a result there will be a delay in acknowledging receipt of your application/answering your enquiry. Be assured that you will hear from us in due course and we appreciate your patience in the meantime.

If you have sent us an enquiry, have you checked our website or ROC Online to see if the answer is there?

Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW

F: 01463 663439

Info@crofting.scotland.gov.uk

© Crofting Commission 2018Site MapSite by Plexus.