English
01463 663439

Mu Ar Deidhinn

Is e Buidheann Poblach Neo-roinneil (NDPB) a th' ann an Coimisean na Croitearachd a bhios ag obrachadh bho latha gu latha gu neo-eisimeileach den riaghaltas, ach do bheil Ministearan na h-Alba cunntachail aig deireadh gnothaich. Chruthaich an Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2010 Coimisean na Croitearachd, a thàinig gu bith air 1 Giblean 2012, a' gabhail thairis bho Choimisean nan Croitearan.

Is e prìomh dhleastanas Coimisean na Croitearachd, croitearachd a riaghladh agus ath-eagrachadh, adhartachadh mathas croitearachd agus a' cumail sùil sgrùdail air cùisean co-cheangailte ri croitearachd.

Ar Lèirsinn

A bhith nar riaghladair stiùiridh a bhios a' cleachdadh a chumhachdan mar thaic don t-siostam croitearachd.

Ar n-Adhbhar

An siostam croitearachd a riaghladh gu cothromach agus gu reusanta gus a dhìon do na ginealaichean ri teachd.

Tha an Coimisean air a dhèanamh suas de chòig Coimiseanairean air an taghadh bho cheàrnaidhean cruinn-eòlasach sna sgìrean croitearachd, agus trì Coimiseanairean air am fastadh le Riaghaltas na h-Alba. Chaidh an Neach-gairm a thaghadh le Coimiseanairean bho am measg nan ochd Choimiseanairean. Tha sgioba-obrach de 64 a' cur taic ris na Coimiseanairean, air an stiùireadh leis an Àrd-oifigear Caitrìona NicIlleathain. Tha an Coimisean stèidhichte ann an Taigh a' Ghinne Mhòir, Inbhir Nis. 

Gheibhear lethbhreac de ar Plana Trèanaidh agus Poileasaidh Bacadh Foill gu h-ìosal.

 

 

 

 

Coimisean na Croitearachd, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW

F: 01463 663439

Info@crofting.scotland.gov.uk

Prìobhaideachd

Croitearachd

Mu ar Deidhionn

Cuiribh Brath Thugainn

Clàr Chroitean

Tagraidhean Riaghlaidh

Foirmean agus Stiùireadh

© Crofting Commission 2017Site MapSite by Plexus